Leabhar ùr mun Ghàidhlig an Dùn Èideann

Còmhdach leabhair air a bheil 'A' Ghàidhlig ann an Dùn Èideann tro na Linntean'Tùs an deilbh, IONAD DHÙN ÈIDEANN
  • Air fhoillseachadh

Thèid leabhar ùr fhoillseachadh mu eachdraidh na Gàidhlig ann am prìomh bhaile na h-Alba bho na Meadhan Aoisean chun an là an-diugh.

'S e 'A' Ghàidhlig ann an Dùn Èideann' an t-ainm a th' air an leabhar - a th' air fhoillseachadh le Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann agus a tha sgrìobhte sa Ghàidhlig agus sa Bheurla.

Ann an ceithir caibidealan, thathar a' coimhead air eachdraidh agus deamografaidh na Gàidhlig agus nan Gàidheal sa bhaile, ainmean-àite, sgrìobhadairean agus litreachas Gàidhlig co-cheangailte ri Dùn Èideann, agus leasachadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sa bhaile.

Tha an leabhar stèidhichte air ceithir tachartasan a bh' air an cumail aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba nuair a bha 900 bliadhna ga chomharrachadh bho chaidh Dùn Èideann a stèidheachadh mar bhorgh.

Thèid a chur aig chois air Dimàirt an 8mh den t-Sultain, ann an Ionad Bayes aig Oilthigh Dhùn Èideann.

'S e Wilson Macleòid cathraiche na buidhne agus 's e cuideachd a dheasaich an leabhar.

Thuirt e: "Tha mòran dhaoine ann an Dùn Èideann nach eil mothachail air eachdraidh na Gàidhlig sa bhaile no air suidheachadh a' chànain ann san là an-diugh.

"Ro thric, cluinnidh thu nach robh Gàidhlig riamh ga cleachdadh an seo.

"Bha sinn a' faireachdainn gun robh e cudromach am beachd sin a cheartachadh agus tha an leabhar seo a' toirt sealladh air na chuir na Gàidheil ri Dùn Èideann thar nan linntinn agus an t-àite a th' aig a' bhaile ann an cultar na Gàidhlig."

A' Ghàidhlig sa phrìomh-bhaile

Thàinig àrdachadh de 47% air luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Dùn Èideann eadar 2011 agus 2022.

A thuilleadh air a sin, dh'èirich an àireamh de dhaoine anns a' bhaile a thuirt gu bheil comas air choireigin aca Gàidhlig a bhruidhinn, a leughadh, a sgrìobhadh no a thuigsinn 75%.

Tha FtMG air a bhith ga tabhann sa bhaile bho 1988 agus tha còrr is 700 sgoilear clàraichte air a shon.

Tuilleadh mun sgeulachd seo