"Spionnadh às ùr" an iomairt Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann

- Air fhoillseachadh
Tha an iomairt airson Ionad Gàidhlig a stèidheachadh ann an Dùn Èideann a' gluasad air adhart le oifigear-leasachaidh a-nise air fhastadh.
Thathas ag amas air ionad a chur air dòigh a bhiodh na dhachaigh is na àite-cruinneachaidh do luchd na Gàidhlig sa phrìomh bhaile.
Fhuaireadh taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig gus oifigear fhastadh fad bliadhna is tha Sarah Scott a-nise air tòiseachadh san obair.
Thuirt i gur e a' chiad rud a tha san amharc aice beachdan a thrusadh bho choimhearsnachd na Gàidhlig ann an Dùn Èideann.
"Anns na mìosan a tha romhainn bidh mi a’ bruidhinn ri diofar bhuidhnean, luchd-labhairt is luchd-taic na Gàidhlig anns a’ bhaile", thuirt Sarah Scott.
"Tha sinn airson faighinn a-mach dè bhiodh feumail dhaibh ann an ionad Gàidhlig agus dè na prìomhachasan a bu chòir a bhith aig an ionad.
"Às dèidh sin, ann an 2024, tha Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann an dùil suirbhidh a sgaoileadh cho farsaing ’s a ghabhas anns a’ bhaile, a’ sireadh fiosrachaidh bhon choimhearsnachd agus a’ togail neart na h-iomairt", thuirt i.
Wilson MacLeòid a' bruidhinn air Aithris na Maidne.
Ged a tha an iomairt seo air a bhith a' dol ùine, dh'innis cathraiche na buidhne a tha air a cùl, an t-Oll. Wilson MacLeòid, gu bheil "spionnadh às ùr" sa ghnothach a-nise le fastadh an oifigeir-leasachaidh.
Thuirt an t-Oll. MacLeòid nach eil àite sònraichte airson an ionaid anns an amharc aig an ìre seo, is dh'aidich e gur dòcha gum bi dùbhlan ann leis cho àrd 's a tha prìs thogalaichean ann an Dùn Èideann.
Sa chiad dol a-mach ge-tà, tha e ag ràdh gu bheil iad 'son taic a bhrosnachadh am measg luchd-taic na Gàidhlig sa bhaile.
"Aig an ìre seo 's e an rud as cudromaiche gu bheil sinn a' sgaoileadh bheachdan mu na tha sinn ag iarraidh airson ionaid, ciamar a dh'fhaodadh e a bhith ag obair, is ùidh a bhrosnachadh am measg luchd na Gàidhlig sa bhaile le a bhith a' cumail diofar thachartasan", thuirt e.
Am measg nan tachartasan sin, bidh Là Dhonnchaidh Bhàin air an 20mh den Mhàrt an ath-bhliadhna.
Bidh seo a’ comharrachadh 300 bliadhna bho rugadh am bàrd, a bha a’ fuireach ann an Dùn Èideann fad bhliadhnaichean agus a tha air a thiodhlacadh sa bhaile.
Thèid leac a chur an sàs ann am Makars’ Court is bidh leughadh bàrdachd agus cuirm-chiùil ann.
Tha Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann cuideachd air làrach-lìn, taobh a-muigh a stèidheachadh far am faighear fiosrachadh mu na planaichean aca.