Corp boireannaich air fhaighinn ann an Eurabol

- Air fhoillseachadh
Chaidh corp boireannaich a lorg air an tràigh ann an Eurabol air a' Ghàidhealtachd.
Chaidh na poilis a ghairm chun na tràthad mu 10.40m air Là na Sàbaid an 30mh den Lùnasdal.
Cha deach aithneachadh foirmeil a dhèanamh fhathast ach chaidh fios a chur gu teaghlach Laura Nic an Tòisich, 58 bliadhna a dh'aois.
Bha i air a dhol a dhìth à Goillspidh.
Tha am bàs ga làimhseachdh mar shuidheachadh gun mhìneachadh ach chan eilear den bheachd gu bheil càil amharasach mu dheidhinn.
Thèid aithisg a chur gu Seirbheis Casaid a' Chrùin.