Postairean bho na ciad mòdan gu bhith air an taisbeanadh

Seann phostair air an làimh chlì agus am postair sin air ùrachadh air an làimh dheis.Tùs an deilbh, AN COMUNN GÀIDHEALACH
Fo-thiotal an deilbh,

Postair bhon chiad Mhòd Nàiseanta Rìoghail san Òban

  • Air fhoillseachadh

Thèid dà phostair bho na ciad Mòdan Nàiseanta Rìoghail san Òban a thaisbeanadh dhan phoball san t-Sultain an dèidh dhaibh a bhith air càradh 's air an ùrachadh.

Tha seo a' tighinn agus am Mòd gu bhith ann an Glaschu san Dàmhair.

'S ann bho na 1890an a tha na postairean agus thèid an taisbeanadh ann an Taigh-tasgaidh Taobh Siar na Gàidhealtachd anns a' Ghearasdan bhon 8mh den t-Sultain - mus tèid an toirt a Ghlaschu airson seachdain a' Mhòid.

'S iad na h-aon shanasan a th' ann, cho fad 's as aithne do dhuine, bho bhliadhnaichean tràth a' mhòid.

Ged a bha an dà phostair air an droch mhilleadh, bha an sgrìobhadh ann an deagh staid agus bha e comasach an tilleadh gu mar a bha iad uaireigin.

Seann phostair air an làimh chlì agus am postair sin air ùrachadh air an làimh dheis.Tùs an deilbh, AN COMUNN GÀIDHEALACH
Fo-thiotal an deilbh,

Thèid na postairean a thaisbeanadh aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail am-bliadhna ann an Glaschu

Tha am postair as sine a' sanasachd a' chiad Mhòd a chaidh a chumail riamh ann an 1892 - le farpaisean còisir, seinn agus bàrdachd a' nochdadh air.

Tha duaisean air an sanasachd cuideachd 's cothrom aig na seinneadairean eadar 15 tastain agus £8 a bhuannachadh - tha sin co-ionnan ri mu £123 agus £1300 ann an airgead an là an-diugh.

Air a' phostair airson Mòd 1893, chìthear na tachartasan eile a tha gan cumail leithid consairt Gàidhlig agus cuirm còmhla ris an t-seinneadair ainmeil Seònaid NicLachlainn.

Bha ise aithnichte airson a bhith a' seinn air feadh an t-saoghail agus sheinn i dhan Bhanrigh Bhictoria.

'S i an tè-chiùil agus an craoladair, Màiri Anna NicUalraig, a thàinig tarsainn air na seann phostairean nuair a bha i a' rannsachadh beatha Sheònaid.

Bha iad an tasglann an eachdraiche, Bob McCulloch, na dhachaigh san Òban.

Thàinig iad bho Dhùghall MacÌosaig, fear den fheadhainn a stèidhich an Comunn Gàidhealach agus am Mòd Nàiseanta Rìoghail.

'S e an neach-glèidhidh pàipeir, Helen Creasy bho Stùidio Glèidhidh na h-Alba, a rinn an obair thairis air trì mìosan.

Chaidh am pròiseact a stiùireadh le Mairi Anna ann an co-bhanntachd leis a' Chomunn Ghàidhealach agus Taigh-tasgaidh Taobh Siar na Gàidhealtachd.

Fhuaireadh maoineachadh bho Urras Cathrannais Ghòrdain Fhriseil agus bhon phoball.

Boireannach le lèine orains oirre a' stiùireadh còisir Tùs an deilbh, AN COMUNN GÀIDHEALACH
Fo-thiotal an deilbh,

'S i Mairi Anna NicUalraig a thàinig tarsainn air na seann phostairean

Thuirt Mairi Anna: "Tha na postairean seo cudromach dha-rìribh ann an eachdraidh nan Gàidheal agus eachdraidh a' Mhòid.

"Tha iad a' coimhead dìreach sgoinneil agus chì thu an t-àite a bhiodh aca san Òban anns na 1890an 's iad a' sanasachd a h-uile càil a bha a' dol aig a' Mhòd."

Thuirt Ceannard a' Chomuinn Ghàidhealaich, Peigi Nic'Illinnein: "Cha bhiodh càil a dh'fhios aig an fheadhainn a chur na ciad Mòdan air dòigh mun dìleab a bhiodh aig an tachartas - a tha fhathast a' toirt dhaoine còmhla airson a' Ghàidhlig, ceòl agus cultair a chomharrachadh 134 bliadhna às dèidh sin."

Thèid am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an Glaschu bho 9mh - 17mh den Dàmhair.

Bidh na postairean gan taisbeanadh ann an Talla Consairt Rìoghail a' bhaile fad na seachdain agus gheibhear a-steach an asgaidh airson am faicinn.