Tadhail gu leòr ann an Lìog U&Bair fhoillseachadh aig 09:54 TSB 1 An t-Iuchar
09:54 TSB 1 An t-Iuchar
Abair gu robh tadhail gu leòr ann an geamannan Lìog Uibhist is Bharraigh oidhche Mhàirt.
Bhuannaich Beinn nam Fadhla 3-0 an aghaidh Saints an Iochdair.
Chuir Barraigh ochd tadhail air Èirisgeidh gun fhreagairt aig Cnoc na Monadh.
Fhuair Kieran MacÌosaig còig tadhail do dh' Uibhist a Tuath anns an' gheama acasan an aghaidh Southend, a chrìochnaich 10-1 aig a' cheann thall.
Aths is an Rubha co-ionann an Lìog Leòdhaisair fhoillseachadh aig 09:14 TSB 30 An t-Ògmhios
09:14 TSB 30 An t-Ògmhios
'S e puing an urra a bh' ann sa gheama mhòr ann an Lìog Leòdhais is na Hearadh oidhche Luain is Aths is an Rubha a' crìochnachadh co-ionann 0-0 aig Pàirc Chnoc nan Gobhar.
'S iad am Bac as motha a fhuair buannachd às a sin is an dà sgioba a tha a' farpais riutha airson an tiotail a' leigeil às phuingean.
Tha an Rubha fhathast aig a' mhullach is iad trì puingean air thoiseach air a' Bhac, ach tha iad air dà gheama a bharrachd a chluich.
Tha Aths trì puingean air cùl nam Bacach is iad ri chèile air sia geamaichean a chluich.
Bha an geama aig a' Bhac an aghaidh nan Loch oidhche Luain air a chur dheth.
Bha deagh oidhche aig na Hearaich a ghluais suas dhan cheathramh àite nuair a rinn iadsan a' chùis air an Taobh Siar 2-1 ann am Barabhas.
'S iad Dòmhnall MacRath is Kenny MacSuain a fhuair tadhail na Hearadh às dèidh dhan Taobh Siar a dhol air thoiseach tro Luke MacAoidh.
Seo an dàrna turas a bha na Hearaich air buannachadh ann am Barabhas taobh a-staigh beagan sheachdainean.
Tha United san t-siathamh àite is iadsan air buannachadh 3-0 an aghaidh Nis aig na Còig Peighinnean Diluain.
'S iad Friseal Moireach (2) is Neil Aitken a fhuair na tadhail do sgioba Steòrnabhaigh.
Tha seachd puingean mar-thà aig United, ceithir a bharrachd na fhuair iad fad an t-seusain an-uiridh.
Bidh aona gheama ann an Lìog Uibhist is Bharraigh oidhche Mhàirt is Uibhist a Tuath a' dol an aghaidh Southend aig Pàirc an Eilein Duirche aig 6:30f.
Barraigh is An Taobh Siar troimhe ann an Cupa MalCivilsair fhoillseachadh aig 12:11 TSB 29 An t-Ògmhios
12:11 TSB 29 An t-Ògmhios
Bhuannaich Barraigh gu furasta 4-0 an aghaidh An Rubha anns a' chairteal chuairt dheireannaich de Chupa MalCivils ann an Lionacleit Disathairne.
Anns a' gheama eile a chaidh a chluiche Disathairne, bhuannaich An Taobh Siar 7-1 an aghaidh Chàrlabhaigh aig Cnoc a' Choilich.
Cha b' urrainn do dh'Èirisgeidh sgioba a thogail airson a' gheama an aghaidh a' Bhac agus mar sin, chaidh buaidh a thoirt dha na Leòdhasaich.
Anns a' chairteal chuairt dheireannaich eile, 's ann Disathairne 4mh den Iuchar a bhios Saints an Ìochdair is Athletic Steòrnabhaigh a' cluiche.
Tha trì geamannan ann an Lìog Leòdhais is na Hearadh a-nochd:
Athletic an aghaidh An Rubha
Nis an aghaidh United
An Taobh Siar an aghaidh Na Hearadh
Chaidh an geama eadar Na Lochan agus am Bac a chur dheth air sgàth bàis ann an nàbachd nan Lochan.
Ann an Cupa Rois, tha Port Rìgh air faighinn troimhe chun na cuairt deireannaiche agus iad a' dèanamh a' ghnothaich air Malaig 3-2.
Ceann Loch Seile air na Sgitheanaich a chur a-mach à Cupa Valerie Fhriseilair fhoillseachadh aig 09:49 TSB 29 An t-Ògmhios
09:49 TSB 29 An t-Ògmhios
Tùs an deilbh, Charlene NicLeòid
Fo-thiotal an deilbh,
Sgioba Cheann Loch Seile air an dòigh
Chaidh Ceann Loch Seile air adhart dhan iar-chuairt dheireannaich de Chupa Valerie Fhriseil nuair a rinn iad an gnothach air na nàbaidhean aca às an Eilean Sgitheanach Didòmnhnaich.
Ann an geama a chaidh a ghluasad bho Rèaraig gu Caol Àcainn, 's iad na Sgitheanaich a chaidh air thoiseach tràth le tadhal bho Donna NicCoinnich.
Sin mar a dh'fhuirich cùisean gu domhain a-steach dhan dàrna leth, ach le beagan mhionaidean air fhàgail chuir Lorna NicRath am ball dhan lìon is bha na sgiobaidhean co-ionann.
Chuir sin spionnadh ann an Ceann Loch Seile agus gu sgiobalta bha iad air thoiseach tro Rhianna Kirk.
A dh'aindeoin oidhirpean nan Sgitheanach anns na mionaidean mu dheireadh cha b' urrainn dhaibh tadhal fhaighinn is chaidh Seile air adhart 2-1.
Bidh Ceann Loch Seile a-nise an aghaidh GMA san iar-chuairt dheireannaich air an 26mh den Iuchar.
Bidh Bàideanach an aghaidh Loch Abair sa gheama eile - ath-chluich den chuairt-dheireannaich a bh' ann an-uiridh.
Bha aona gheama ann am Prìomh Lìog nam ban air an deireadh-sheachdain is chrìochnaich e 2-2 eadar Gleann Urchadain is Loch Abar, rud a tha cha mhòr gu cinnteach a' cur às do dhòchas sam bith a bh' aig na h-Abraich greim a chumail air an tiotal.
Là math eile dha sgiobaidhean Bhàideanach
Ann an iomain nam fear Disathairne bhuannaich Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich a-rithist is am blàr eatorra 'son an tiotail a' leantainn.
'S e 7-0 a bh' ann dhan Bhaile Ùr ann an Drochaid an Aonachain agus 3-1 do Cheann a' Ghiùthsaich aig an taigh an aghaidh Cheann Loch Seile.
San aon gheama eile sa Phrìomh Lìog rinn Camanachd an Òbain an gnothach 5-1 air Cabar Fèidh.
Tha Lòbhat sa chuairt dheireannaich de Chupa a' Bhàile Mhòir às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air na nàbaidhean aca a' Mhanachainn.
Thàinig na tadhail san 20 mionaid mu dheireadh bho Graeme MacMhaolain is Sergio MacThòmais.
Rinn Inbhir Aora adhartas ann an Cupa a' Bhaile Mhòir cuideachd.
Rinn iad a' chùis 5-3 air Eilean Bhòid is na Bòdaich air tilleadh gu 4-3 sa gheama sin às dèidh a bhith 4-0 air dheireadh.
Bidh Inbhir Aora a-nise an aghaidh Chill Mhàilidh Disathairne seo tighinn 'son àite sa chuairt dheireannaich an aghaidh Lòbhat.
Alba air oir na creige air fhoillseachadh aig 19:03 TSB 25 An t-Ògmhios
19:03 TSB 25 An t-Ògmhios
Fo-thiotal a’ bhidio,
Tha luchd-leantainn sgioba na h-Alba a' feitheamh feuch co-dhiù am faigh iad a-mach à ìre nam buidhnean aig Cupa na Cruinne an dèidh dhaibh call 3-0 ri Brasil Diciadain.
Tha na h-eolaichean a' dèanamh dheth gu bheil cothrom 30% aca a dhol chun ath chuairt aig an ire-sa, agus Alba an urra ri dè a thachras ann an geamaichean eile eadar seo agus madainn na Sàbaid.
Tha Alasdair MacIllinnein ag aithris à Miami.
Buille dha Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaichair fhoillseachadh aig 08:33 TSB 25 An t-Ògmhios
08:33 TSB 25 An t-Ògmhios
Bha droch oidhche aig Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich ann an Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd Diciadain is iad a' call san lìog 'son a' chiad turas am-bliadhna.
Rinn Port Rìgh a' chùis orra 1-0 is an tadhal a' tighinn bho Finlay James.
Oidhche Mhàirt bha Caol Àcainn air buannachadh 5-4 an aghaidh a' Ghearasdain.
Chan eil am Bac a-nise ach dìreach dà phuing air cùl an Rubha aig mullach Lìog Leòdhais is na Hearadh is iad air a' chùis a dhèanamh air Aths 2-1 oidhche Luain.
Thàinig na tadhail uile san dàrna leth ann an Col Uarach is Louie Dòmhnallach agus Daibhidh MacAnndrais air an targaid dhan Bhac gus an geama a bhuannachadh.
'S e seo a' chiad uair a bha Aths air call san lìog am-bliadhna.
Ghluais Càrlabhagh dhan treas àite oidhche Luain nuair a rinn iadsan a' chùis air Nis 4-1.
Chuir Ali 'Barbie' Dòmhnallach hat-trick do Chàrlabhagh is thàinig an tadhal eile bho Darren Wilson.
Bha oidhche chofhurtail aig na Hearaich is iadsan air a' chùis a dhèanamh 4-0 air na nàbaidhean aca air na Lochan.
'S iad Ahmed Pandor (2), Connor MacLeòid is Donnie MacRath le breab-peanais a fhuair na tadhail dha na Hearadh.
Sa gheama eile rinn an Taobh Siar an gnothach 2-0 air United is Ali 'Barbhas' MacLeòid is Ailig John Moireasdan air an targaid.
Tha dà gheama ann meadhan na seachdain ann an Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd.
Oidhche Mhàirt bidh Caol Àcainn an aghaidh a' Ghearasdain agus Diciadain thèid Port Rìgh an aghaidh Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich.
Neartaich an Rubha an suidheachadh aca aig mullach Lìog Leòdhais nuair a rinn iad an gnothach 2-1 air an Taobh Siar oidhche Luain.
Thòisich na Rubhaich gu làidir le dà thadhal sa chiad deich mionaidean bho Josh Mac a' Ghobhainn agus Aonghas Dòmhnallach.
Fhuair Luke MacAoidh fear air ais dha na Siaraich ro letheach-slighe ach 's e sin an tadhal mu dheireadh den oidhche is an geama a' crìochnachadh 2-1.
Tha an Rubha air 18 puingean, còig air thoiseach air a' Bhac, ach tha iad air dà gheama a bharrachd a chluich.
Bha deagh oidhche aig a' Bhac fhèin is iad a' buannachadh 5-0 an aghaidh Nis.
Thàinig na tadhail aca bho Cole Lamb, Leo Hannah, Ally MacÌomhair, John MacLeòid agus Seumas Moireach.
Tha Aths san treas àite is iadsan a-nise air ceithir a-mach à ceithir a bhuannachadh às dèidh dhaibh soirbheachadh 7-1 an aghaidh sgioba nan Loch.
Bha Aths 4-0 air thoiseach taobh a-staigh 20 mionaid aig a' Chreagan Dubh.
Bha cothroman gu leòr aca barrachd thadhal fhaighinn - nam measg trì breaban-peanais nach do chuir iad - ach bha oidhche gu math cofhurtail aca co-dhiù.
Chrìochnaich an geama eile oidhche Luain eadar Càrlabhagh is na Hearadh 1-1.
Chaidh na Hearaich air thoiseach tràth ach dh'fhàg breab-peanais bho Ali Dòmhnallach dìreach ro letheach-slighe an geama co-ionnan 1-1.
"Tadhal cho prìseil do dh'Alba"air fhoillseachadh aig 14:57 TSB 15 An t-Ògmhios
Alba a' buannachadh a' chiad gheama aca aig Cupa na Cruinneair fhoillseachadh aig 17:21 TSB 14 An t-Ògmhios
17:21 TSB 14 An t-Ògmhios
Fo-thiotal a’ bhidio,
Chan e an geama no tadhal as àlainn a bha a-riamh ann - ach thòisich Alba Cupa na Cruinne le trì puingean is iad air an gnothach a dhèanamh air Haiti 1-0.