A' Phrìomh Lìog le Bàideanach

Bàideanach le duais na lìgeTùs an deilbh, Fiona Young
  • Air fhoillseachadh

Tha Prìomh Lìog nam ban air ais ann am Bàideanach is iad air a' chùis a dhèanamh air Ceann Loch Seile Didòmhnaich.

Bha Bàideanach air a dhol a-steach dhan gheama is feum aca air puing gus an duais a dhearbhadh.

Bha fios aig Ceann Loch Seile gum feumadh iadsan a' chùis a dhèanamh airson an tiotal a chur nan làmhan fhèin is dà gheama aca fhathast ri cluich.

Air a' cheann thall bha Bàideanach ro làidir dhaibh a-rithist is iad a' buannachadh 7-3 is a' Phrìomh Lìog a-nise aca cho math ri Cupa na Prìomh Lìge.

Tha cothrom aca air Cupa Valerie Fhriseil cuideachd is iad fhèin is Ceann Loch Seile gus coinneachadh a-rithist sa chuairt dheireannaich Disathairne seo tighinn.

Le Bàideanach air a' chùis a dhèanamh 5-1, 6-0 is 7-3 anns na trì geamaichean eatorra gu seo am-bliadhna, tha obair mhòr aig Ceann Loch Seile ma tha iad gus an cupa a bhuannachadh.

Bidh an geama mòr aig an Eilean aig 5f.

Fo-thiotal,

Bha Iain Robinson air a dhòigh le mar a chluich Baile Ùr an t-Slèibh an aghaidh Cheann Loch Seile

Bha fireannaich Bhàideanach am measg nan tadhal air an deireadh-sheachdain cuideachd is Baile Ùr an t-Slèibh air a' chùis a dhèanamh 6-0 air Ceann Loch Seile, fhad 's a bha Ceann Loch Seile a' soirbheachadh 7-0 an aghaidh Chaoil Bhòid.

Tha a h-uile coltas ann fhathast gun tig an tiotal sìos dhan gheama eadar an dà sgioba air an là mu dheireadh den t-seusan.

Aig bonn na lìge thog na Sgitheanaich dà phuing luachmhor nuair a rinn iad a' chùis 4-1 air Camanachd an Òbain ann am Port Rìgh.

Bha là air leth aig Dan Dòmhnallach is trì tadhail aigesan dha na h-eileanaich air a cho-là breith.

'S e theab is nach do theab a bh' ann dhan t-seann sgioba aig Dan ge-tà is Caol-Gleann air an cumail 3-3 le Cabar Fèidh.

'S e tadhal anns na diogan mu dheireadh bho Jamie Mac an Tòisich a shàbhail puing do Chabers is Caol-Gleann a-nise a' ruith a-mach à geamaichean ma tha iad gus fuireach sa Phrìomh Lìog.

Thàinig dearbhadh air an deireadh-sheachdain air an dàrna sgioba a thig bho Lìog Nàiseanta dhan Phrìomh Lìog is Lòbhat air a' chùis a dhèanamh 3-1 air a' Mhanachainn.

Bidh iadsan mar sin air ais sa Phrìomh Lìog còmhla ri Gleann Urchadain.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte