Na teaghlaichean a tha a' sireadh dòchais is beatha ùir san Spàinn

Paula Andrea Torres is Rolando Valencia is a' chlann aca
Fo-thiotal an deilbh,

Dh'fhàg Paula Andrea Torres, Rolando Valencia is a' chlann aca suidheachadh doirbh ann an Colombia gus beatha ùr a dhèanamh san Spàinn

LeFionnlagh MacIllinnein
EòrpaAg aithris àsAn Spàinn
  • Air fhoillseachadh

'S ann à Algeria a tha Mouloud Boubker, ach tha e air a bhith san Spàinn airson dà bhliadhna a-nise.

"Dh'fhàs mo mhac tinn," thuirt e.

"Cha robh fios aig na dotairean dè bha ceàrr is cha tuirt iad an robh e a' dol a bhàsachadh neo nach robh.

"Dh' fhàg iad mi air chall. Chan eil iad a' cur luach annainn. Sin carson a dh'fhàg mi mo dhùthaich."

Thàinig Mouloud dhan Spàinn ann am bàta beag, a' lorg beatha nas fheàrr dha fhèin is a mhac.

Bhon uairsin, tha e air a bhith ag obair a' buan mheasan is glasraich gu mì-laghail agus às aonais cùmhnaint gus beagan airgid a dhèanamh.

Tha na ceudan mhìlltean san Spàinn ann an suidheachadh coltach ris.

Mouloud Boubker
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Mouloud Boubker ag ràdh gun robh e fhèin is a theaghlach "caillte" ann an Algeria

Dh'fhaodadh am beatha atharrachadh ge-tà tro sgeama-clàraidh ùr aig Riaghaltas na Spàinne.

Fon sgeama bhiodh e comasach do dhuine sam bith a tha neo-chlàraichte tagradh a dhèanamh airson cead-obrach agus cead-fuirich fad bliadhna.

Dh'fheumadh iad bhith anns an Spàinn ron 1mh den Fhaoilleach, air a bhith ann airson co-dhiù còig mìosan agus gun chlàr-eucoir aca.

Nuair a sgaoil Riaghaltas na Spàinne fios mun sgeama aig toiseach na bliadhna, bha iad a' tomhas gun robh mu 500,000 neach neo-chlàraichte san dùthaich.

Ach às dèidh do dh'uinneag clàraidh an sgeama dùnadh, dh'innis an riaghaltas gun robh còrr is millean neach air tagradh a dhèanamh.

Chaidh mise dhan Spàinn airson barrachd ionnsachadh mun sgeama 's mu mar a tha daoine a' faireachdainn mu dheidhinn.

Murcia

Thòisich an turas agam ann am Murcia far an do choinnich mi ri Mouloud agus in-imrichean eile a bha air a thighinn dhan Spàinn.

'S ann à Colombia a tha Paula Andrea Torres, Rolando Valencia agus an dithis chloinne aca.

Thàinig iad dhan Spàinn bho chionn dà bhliadhna.

"Dh'iarr feachdan guerilla airgid bhuainn air sgàth 's gun robh companaidh aig an duine agam," dh'innis Paula dhomh.

"Dh'fhuirich sinn, ach thachair e a-rithist agus a-rithist.

"Bha sinn airson a' bhith sàbhailte is reic sinn a h-uile càil agus thàinig sinn an seo."

An teaghlach aig dinnear
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Rolando gun robh e an toiseach san Spàinn "ag obair san dorchadas, às aonais cùmhnaint laghail"

Tha e duilich smaoineachadh air suidheachadh far a bheil thu a' faireachdainn gum feum thu an dùthaich anns an do rugadh tu fhàgail is tòiseachadh às ùr.

Ach 's e sin a rinn Paula agus Rolando.

"Bha e duilich aig an fhìor thoiseach," dh'aidich Paula.

"Bha sinn uile a' fuireach ann an seòmar còmhla, air sgàth 's chan eil e furasta flat fhaighinn às aonais phàipearan.

An toiseach bha mi a' ràinich tòrr".

Ach a-nise, ri linn an sgeama-clàraidh, tha cothrom aig Paula, Rolando agus na ceudan mhìltean eile obair laghail fhaighinn.

Tha Paula ag ràdh gu bheil buannachdan ann dhaibh fhèin agus cuideachd dhan Spàinn.

"'S e einnseanair a th' anns an duine agam. Tha an dithis chloinne agam nan ailtirean. 'S e dotair leigheas inntinn a th' annamsa".

Madrid

Tha seo a' tachairt aig àm nuair a tha poileasaidhean in-imriche air feadh na Roinn Eòrpa fo mhion-sgrùdadh.

Tha dùthchannan a' teannachadh an cuid chrìochan agus cuid a' fàs draghail mun bhuaidh a tha in-imrich mì-laghail a' toirt air na dùthchannan aca.

Mhìnich Ministear In-imriche na Spàinne dhomh carson a tha an dùthaich a' gabhail slighe eile.

"Tha in-imrichean a' dol a ghluasad eadar dhùthchannan co-dhiù, sin nàdar dhaoine.

Elma Saiz, Ministear Imreachais na Spàinne
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Elma Saiz gum fàg an sgeama ùr nach bi in-imrichean "fallaichte" san Spàinn

"'S e an dùbhlan, mar a thathas a' dèiligeadh ris an sin," thuirt Elma Saiz.

"'S iad daoine a tha an seo mar-tha, a tha a' fuireach an seo.

"Tha iad a' cur an cuid chloinne dhan sgoil, tha iad mar-tha a' fuireach sna bailtean againn.

"'S e an t-atharrachadh as motha nach eil iad gu bhith fallaichte.

"Tha còraichean gu bhith aca. Bidh na h-aon chothroman aca, ach cuideachd dleastanasan."

CeutaTùs an deilbh, Reuters
Fo-thiotal an deilbh,

Bhris 78,000 neach a-steach gu Ceuta aig deireadh an Iuchair

Tha cuid nach eil air an dòigh mun phoileasaidh.

Rinn partaidhean air an làimh dheis càineadh is iadsan a' cumail a-mach gu bheil an sgeama a' dol a thàladh barrachd dhaoine dhan Spàinn, ged a tha an riaghaltas a' dol às àicheadh sin.

Bha connspaid mhòr ann cuideachd mu na thachair ann an Ceuta san Iuchar, far an do bhris mu 80,000 neach a-steach gu sgìre Spàinnteach ann an ceann a tuath Mhorogo.

Chuir cuid coire air an sgeama-clàraidh, ged a bha tagraidhean mar-tha air dùnadh nuair a thachair e.

Eòrpa: Geall In-imriche na Spàinne

Fionnlagh MacIllinnein ag aithris bhon Spàinn far a bheil còrr is millean in-imrichean air cur airson inbhe laghail san sgeama is motha riamh dha sheòrsa san Roinn Eòrpa.

Tha Alma Ezcurra bho Phàrtaigh Sluagh na Spàinne, am partaidh dùbhlanach, am measg na tha ag ràdh nach eil an sgeama teann gu leòr.

"Ma tha sinn a' toirt dhaoine a-mach à suidheachaidhean neo-chlàraichte gun a bhith gan ceangal ri cùmhnant obrach, cha bhi barrachd dhaoine ann airson cìsean a phàigheadh.

"Bidh barrachd dhaoine a' faighinn shochairean agus tha seirbhisean na Spàinne mar-tha fo uallach mhòr."

Coltach ri mòran dhùthchannan eile san Roinn Eòrpa, tha sluagh na Spàinne a' fàs nas sine agus tha tè de na h-ìrean breith as ìsle san Roinn Eòrpa aca.

Tha an riaghaltas an dòchas obraichean a tha bàn a lìonadh le in-imrichean, ged a tha Pàrtaidh Sluagh na Spàinne ag ràdh nach eil sin ach na fhuasgladh eadar-amail.

Mouloud agus a mhac
Fo-thiotal an deilbh,

Mouloud agus a mhac

Tha e follaiseach gu bheil draghan air gu leòr mun sgeama.

Tha mì-chinnt ann a thaobh an tarraing e barrachd in-imrichean mì-laghail dhan dùthaich agus tha ceistean ann mun bhuaidh a bheir e air seirbheisean na Spàinne.

Am measg nan in-imrichean ris an do bhruidhinn mi ge-tà, thàinig aon rud am bàrr; gun do dh'fhàg iad an dùthchannan fhèin, a' teicheadh bho droch shuidheachaidhean, fòirneart, leth-bhreith agus iad a' sireadh beatha nas fheàrr.

Tha iad den bheachd gu bheil cothrom aca a-nise air suidheachadh nas seasmhaiche 's iad a' feuchainn ri saoghal ùr a lorg dhaibh fhèin san Spàinn.

Air ais ann am Murcia, tha Paula Andrea Torres a' faicinn dòchas.

"Tha tòrr sgilean againn," thuirt i rium.

"Thàinig sinn an seo airson cur ris an dùthaich."