Na Hearadh air Cupa Eilean an Fhraoich a bhuannachadh
Na Hearadh 3 Am Bac 2. Dealbhan bho Island Footie
- Air fhoillseachadh
Tha gàirdeachas ga dhèanamh anns na Hearadh is an sgioba air Cupa Eilean an Fhraoich a bhuannachadh.
Rinn na Hearaich an gnothach 3-2 air A' Bhac ann an Col Uarach oidhche Shathairne.
Bha iad air a dhol air thoiseach dà thuras, tro Ruairidh MacLeòid agus Anndra 'Brownie' Moireasdan, ach fhreagair Am Bac le tadhail bho Elliot MacEanraig agus Louie Dòmhnallach.
'S e Ryan MacSuain a fhuair an tadhal a bhuannaich an cupa dha Na Hearadh ge-tà agus luchd-taic òga na sgioba a' ruith air a' phàirce nuair a chuala iad iad fìdeag na rèitire.
Seusan air leth dha na Hearaich is Cupa Eilean an Fhraoich a-nise aca cho math ri Cupa Leòdhais.
Chan eil cothrom aca air fois a ghabhail ge-tà, is geama mòr eile aca oidhche Luain a dh'fhaodadh buaidh mhòr a thoirt air mullach na lìge is Aths a' tadhal orra.
Bidh sgioba Steòrnabhaigh ann an sunnd às dèidh a' chùis a dhèanamh air An Rubha oidhche Haoine.
Bidh Na Rubhaich iad fhèin aig an taigh an aghaidh United oidhche Luain.
Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd
Bha Malaig air Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd a bhuannachadh oidhche Haoine gun ball a bhreabadh nuair nach b' urrainn dhan Ghearasdan sgioba fhaighinn.
San aon gheama a chaidh air adhart Disathairne rinn Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich an gnothach 5-2 air Slèite is An Srath.
Bidh aona gheama ann tron t-seachdain is Loch Aillse a' cur fàilte air Caol Àcain oidhche Mhàirt.
Uibhist is Barraigh
Bha fìor dheagh là aig Barraigh Disathairne is iad air pronnadh 13-1 a thoirt air Southend.
Tha sin a' cumail nam Barrach sa bhlàr aig a' mhullach còmhla ri Beinn na Faoghla is Uibhist a Tuath.
Tha geama mòr ri thighinn a-nise oidhche Mhàirt eadar Beinn na Faoghla is Uibhist a Tuath.
Air tìr-mòr Disathairne 's iad Golspie Stafford a bhuannaich Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd.
Rinn Goillspidh a' chùis 4-0 air Whalsay.