An rèis son tiotal na Prìomh Lìge sna buillean mu dheireadhair fhoillseachadh aig 16:32 TSB 13 An Cèitean
16:32 TSB 13 An Cèitean
Fo-thiotal a’ bhidio,
Tha farsaingeachd de dh'fhaireachdainnean am measg luchd-leantainn Hearts agus Celtic le dìreach dà gheama air fhàgail de sheusan na lìge.
'S urrainn do Hearts an lìog a bhuannachadh airson a' chiad turas bho 1960 ma nì iad a' chùis air an Eaglais Bhreac aig Tynecastle oidhche Chiadain agus ma chailleas Celtic ri Tobar na Màthar.
Ma chrìochnaicheas an dà gheama ann an dòigh sam bith eile, thèid e sìos chun an là mu dheireadh, Disathairne, nuair a chluicheas Celtic an aghaidh Hearts ann an Glaschu.
Chuala sinne bho Sammie Mac an Tòisich (Hearts) agus Ruairidh MacCarmaig (Celtic) mu mar a tha iad a' faireachdainn is an rèis airson an tiotail aig àrd an teasaich.
Barraigh sa chuairt dheireannaichair fhoillseachadh aig 07:56 TSB 13 An Cèitean
07:56 TSB 13 An Cèitean
Chaidh Barraigh air adhart gu cuairt dheireannach Chupa Stailearan Bharraigh oidhche Mhàirt nuair a rinn iad an gnothach 3-2 air Uibhist a Tuath.
Bha Barraigh air thoiseach 2-0 aig lethach slighe mus do thill Uibhist a Tuath gu 2-2 san dàrna leth.
'S e tadhal anns na diogan mu dheireadh bho AJ MacNeacail a bhuannaich an geama do Bharraigh.
Bidh iad a-nise an aghaidh Saints an Iochdair sa chuairt dheireannaich Disathairne.
Cuideachd oidhche Mhàirt, ghluais Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich suas dhan dàrna àite ann an Liog Thaobh Siar na Gàidhealtachd nuair a rinn iad a' chùis air Caol Àcainn 4-1.
Chuir Ailig Dòmhnallach an Iar Thuath air thoiseach is dh'fhàg tadhal bho Gus Dòmhnallach gur e 2-0 a bh' ann aig lethach slighe.
Chuir Eoghainn Greumach an treas tadhal is ged a fhuair Keith MacCoinnich fear air ais do Chaol Àcainn, dh'fhàg tadhal eile bho Gùs Dòmhnallach gun do chrìochnaich an geama 4-1.
Obair ùr dha Donaidh Forbeis aig Countyair fhoillseachadh aig 16:34 TSB 12 An Cèitean
16:34 TSB 12 An Cèitean
Tha Ross County air Donaidh Forbeis ainmeachadh mar Cheannard Dàta agus Fastaidh.
'S ann à Inbhir Nis a tha Donaidh bho thùs is tha e air a bhith an sàs ann an dàta agus ann an scoutadh ann am ball-coise fad grunn bhliadhnaichean.
Tha e air obair a dhèanamh aig diofar ìrean 'son Chaley Thistle, Hearts, Queen's Park, Colchester United, agus Hibs.
Tha Donaidh, aig a bheil Gàidhlig, anns na bliadhnaichean mu dheireadh cuideachd air a bhith an sàs ann an FC Sonas agus Alba FA.
Thuirt County gu bheil na ceanglaichean làidir Gàidhealach aig Donaidh a' ciallachadh gu bheil tuigse aige air cho cudromach 's a tha e do chlubaichean a bhith freumhaichte sa choimhearsnachd, ach aig an aon àm a bhith a' cur dòighean-obrach is bun-structar ùr an sàs.
"Thuig sinn mar chluba gum feum sinn na dòighean againn atharrachadh," thuirt CEO Chounty, Steven Fearghasdan.
"Tha mi air a bhith a' còmhradh ri Donaidh fad bliadhna air mar as urrainn dhuinn mar chluba dàta a chleachdadh.
"'S e ceum mòr a th' ann dhuinn Donaidh fhaighinn a-steach agus tha fiosam gun obraich e gu dlùth ris a' mhanaidsear gus piseach a thoirt air cùisean air feadh a' chluba.
Dhearbh County gu bheil an t-àrd scout a bh' aca ann an Alba, Stuart Millar, a-nise air an cluba fhàgail.
Tha an ceannard fastaidh a bh' ann, Greg Strong, cuideachd air falbh.
Bidh Strong a-nise ag obair aig Oldham Athletic.
Ceithir troimhe ann an Cupa Leòdhaisair fhoillseachadh aig 09:26 TSB 12 An Cèitean
09:26 TSB 12 An Cèitean
Fo-thiotal a’ bhidio,
Rinn an Rubha a' chùis air Athletic Steòrnabhaigh 2-1
Chaidh am Bac, na Hearadh, an Rubha is an Taobh Siar uile troimhe dhan iar-chuairt dheireannaich de Chupa Leòdhais oidhche Luain.
'S e 3-1 a bh' ann dhan Bhac an aghaidh Chàrlabhaigh is an dà thadhal a bhuannaich an geama dhaibh a' tighinn anns na mionaidean mu dheireadh.
'S e seo an treas turas am-bliadhna a tha na Bacaich air a' chùis a dhèanamh air Càrlabhagh.
Bha e faisg cuideachd ann an Garrabost far an do rinn an Rubha an gnothach 2-1 air Aths.
'S e breab-peabais bho Josh Mac a' Ghobhainn le ochd mionaidean air fhàgail a ghlèidh an geama dha na Rubhaich agus Aths a' call 'son a' chiad uair air an t-seusan seo.
Tha na tadhail bhon gheam sin ri fhaicinn gu h-àrd.
Bha an dà gheama eile gu math nas chofhurtail - na Hearadh a' buannachadh 7-0 an aghaidh United is An Taobh Siar a' cur seachd seachad air na Lochan cuideachd.
Tha seo a' fàgail gum bi na geamaichean san iar-chuairt dheireannaich mar a leanas:
An Taobh Siar - Na Hearadh
Am Bac - An Rubha
Bidh na geamaichean ann Diluain seo tighinn (18/05).
Ron sin bidh aona gheama ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt is Caol Àcainn a' cur fàilte air Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich.
Tha geama mòr cuideachd ann an Cupa Stailearan Bharraigh oidhche Mhàirt is Uibhist a Tuath a' dol an aghaidh Bharraigh aig Pàirc an Eilein Duirche.
Innsidh an geama seo cò thèid an aghaidh Saints an Iochdair sa chuairt dheireannaich.
Ball-coise ionadailair fhoillseachadh aig 09:17 TSB 6 An Cèitean
09:17 TSB 6 An Cèitean
'S iad an Gearasdan a rinn a' chùis san aon gheama ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt.
Ged a bha iad fhèin is Caol Àcainn co-ionnan 1-1 aig lethach slighe, 's iad na h-Abraich a thàinig am bàrr san dàrna leth is iad a' soirbheachadh 3-1.
'S e seo a' chiad gheama a tha an Gearasdan air buannachadh air an t-seusan seo is tha e gan togail os cionn Chaoil Àcainn san lìog.
Bha tadhail gu leòr ann an Uibhist oidhche Mhàirt cuideachd is Èirisgeigh a' dèanamh a' ghnothaich 6-4 air Southend ann an Cupa Stailearan Bharraigh.
GG a' fàgail sgioba WIIGAair fhoillseachadh aig 08:32 TSB 6 An Cèitean
08:32 TSB 6 An Cèitean
Tùs an deilbh, WIIGA
Fo-thiotal an deilbh,
Iain GG Caimbeul is Kerry Nic a' Phì aig Geamannan nan Eilean ann am Bermuda
Dh'innis Iain "GG" Caimbeul gu bheil e a' fàgail a dhreuchd mar mhanaidsear air sgioba Gheamanan nan Eilean dha na h-Eileanan an Iar.
Bha GG os cionn na sgioba fad còrr air 15 bliadhna.
Bha e na mhanaidsear air an sgioba aig na geamanan ann am Bermuda, Jersey, Gotland, Gibraltar, Guernsey agus Arcaibh.
B' iad geamannan Eilean Wight ann an 2011 a' chiad fheadhainn dhan deach e ged nach robh e a' ruith na sgioba aig an àm.
Thug Comann Geamannan nan Eilean Siar taing do Mhgr Caimbeul airson na rinn e do WIIGA thar nam bliadhnaichean.
Thàinig aillse pròstata air Mgr Caimbeul agus bha e a' togail airgid do charthannas aillse an-uiridh fhad 's a bha e a' deisealachadh na sgioba airson Arcaibh.
"Tha e a' toirt dhuinn tomhais air càite bheil a' chumhachd san spòrs"air fhoillseachadh aig 09:47 TSB 5 An Cèitean
09:47 TSB 5 An Cèitean
Tùs an deilbh, Getty Images
Thàinig comharra eile air linn ùr ann an snùcair is Tiotal na Cruinne a' dol a Shìona airson na dàrna bliadhna ann an sreath.
Rinn Wu Yize a' chùis air Shaun Murphy 18-17 ann an geama fìor theann aig a' Chrucible, bliadhna às dèidh do Zhao Xintong an tiotal a thogail.
Aig 22, 's e Wu an dàrna cluicheadair as òige riamh a bhuannaich an tiotal.
"Wu Yize a' dearbhadh gun cuireadh e pot air a' bhòrd nas fheàrr na duine sam bith eile thairis air na 17 là mu dheireadh," thuirt an t-eòlaiche snùcair Derek 'Pluto' Moireach air Aithris na Maidne Dimàirt.
"Tha e gu math tarraingeach dhan spòrs gu bheil na cluicheadairean a tha seo à Sìona a' tighinn.
"Tha còignear chluicheadairean Sìonach a-nise anns a' phrìomh 16.
"Tha e 's dòcha a' toirt dhuinn tomhais air càite bheil a' chumhachd san spòrs."
Bha Derek den bheachd gun robh deagh fharpais ann san fharsaingeachd.
"Bha cuairt dheireannach againn a bha sinn airidh air 'son thairis air na 17 là bha an ìre dìreach iongantach," thuirt e.
Aths am measg nan tadhal ann an Nis a-rithistair fhoillseachadh aig 08:56 TSB 5 An Cèitean
08:56 TSB 5 An Cèitean
Bha deagh oidhche a-rithist aig Aths ann an Nis Diluain is iad a' buannachadh 7-0 aig na Còig Peighinnean ann an Lìog Leòdhais is na Hearadh.
Thàinig seo dìreach seachdain às dèidh do dh'Aths a' chùis a dhèanamh air na Nisich 6-0 san dearbh àite ann an Cupa Moldòbha Leòdhais.
Bha tadhail gu leòr ann am Barbhas cuideachd oidhche Luain far an do rinn an Taobh Siar an gnothach 6-1 air na Lochan.
Bha geama na b' fhaisge ann an Càrlabhagh is an Rubha air a' cheann thall a' buannachadh 3-1.
Bha seo às dèidh do Chàrlabhagh a bhith air thoiseach 1-0 aig letheach slighe.
Thàinig sgeulachd na h-oidhche aig Pàirc Chnoc nan Gobhar far an do chrìochnaich United is am Bac co-ionann 1-1.
Buille thràth a bha seo dhan Bhac is an oidhirp aca greim a chumail air an tiotal.
Tha aona gheama ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd Dimàirt is an Gearasdan gus fàilte a chur air Caol Acain.
Kettlewell a' leantainn air aig Ross Countyair fhoillseachadh aig 16:59 TSB 4 An Cèitean
16:59 TSB 4 An Cèitean
Tùs an deilbh, SNS
Dh'ainmich Ross County gum fuirich Stuart Kettlewell mar mhanaidsear às dèidh dhan sgioba tuiteam gu Lìog 1 na h-Alba.
'S e seo an dàrna seusan ann an sreath a tha na Staggies air tuiteam a-mach às an lìog sa bheil iad.
Bha Kettlewell air an t-seusan a thòiseachadh mar mhanaidsear Chille Mheàrnaig ach chaidh a chur às a dhreuchd san Dùbhlachd.
Chaidh e an uairsin fhastadh ann an Inbhir Pheofharain às dèidh do Tony Docherty a' bhròg fhaighinn, ach cha b' urrainn dha an sgioba a chumail san Championship agus chrìochnaich iad aig bonn na Lìge às dèidh call ri Raith Rovers, 3-2, oidhche Haoine.
"Stiùir Stuart an sgioba gu suidheachadh far an robh iad beagan mhionaidean bho bhith fuireach san Championship, is tha sinn a' faireachdainn gu bheil na sgilean ceart aige agus na ceangalan leis a' chluba agus a' Ghàidhealtachd airson ar toirt air adhart," thuirt an cathraiche, Roy MacGriogair.
Leanaidh Stephen Frail air mar leas-mhanaidsear ach tha Iain Robasdan air fàgail às dèidh taic a chumail ri Don Cowie aig toiseach an t-seusain agus a bhith na mhanaidsear eadar-amail mus do thòisich Docherty san t-Sultain.
Chaidh cùmhnantan a thabhainn air còig cluicheadairean a tha le aontaidhean a tha a' tighinn gu ceann ach tha cluicheadairean le eòlas leithid Ross Laidlaw, Alex Iacovitti, Jordan White, Jay Henderson, Declan Gallagher agus Uche Ikpeazu air falbh.
Tha cuideachd ochdnar chluicheadairean a bh' air iasad air tilleadh chun nan clubaichean pàrant aca.
Dùil ri atharrachaidhean mòra ann an Inbhir Pheofharainair fhoillseachadh aig 10:28 TSB 4 An Cèitean
10:28 TSB 4 An Cèitean
Tùs an deilbh, SNS
Fhad 's a bha Caley Thistle a' dèanamh gàirdeachais air an deireadh-sheachdain 's ann a bha cùisean gu math diofraichte ann an Inbhir Pheofharain is Ross County air tuiteam a-mach às an Championship.
Chaill County 3-2 ri Raith Rovers oidhche Haoine, a' fàgail gun do chrìochnaich iad aig bonn na lìge is iad a' dol sìos airson an dàrna seusan sreath ri chèile.
Bha seo a dh'aindeoin is gun robh mòran an dùil aig toiseach an t-seusain gum biodh iad a' farpais aig mullach na lìge 'son tilleadh dhan Phrìomh Lìog.
"Bha sinn 1-0 air thoiseach is smachd againn air a' gheama is rinn sinn sgrios oirnn fhèin," thuirt manaidsear na Staggies, Stuart Kettlewell, às dèidh a' gheama.
"Sin stòiridh ar seusan.
"Bidh atharrachaidhean mòra aig a' chluba a-nise, tha mi an amharas, is tha sinn an dùil soilleireachadh fhaighinn air sin bhon chathraiche is àrd-oifigear anns na làithean ri thighinn".
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain, thuirt fear de luchd-taic Chounty, Pàdraig MacAmhlaigh, gum feum County manaidsear a thaghadh is ùine a thoirt dhaibh.
Bha trì mananaidearan aig an sgioba tron t-seusan a bh' ann is Don Cowie is Tony Docherty air an dreuchdan a chall mus deach Kettlewell fhastadh san Dùbhlachd.
Kellacher: "An là as fheàrr agam ann am ball-coise"air fhoillseachadh aig 09:33 TSB 4 An Cèitean
09:33 TSB 4 An Cèitean
Tùs an deilbh, SNS
Thuirt manaidsear Chaley Thistle nach robh riamh là cho math aige ann am ball-coise às dèidh dhan sgioba Lìog 1 a bhuannachadh air an deireadh-sheachdain.
Bha Inbhir Nis dìreach feumach air puing an aghaidh Hamaltan gus an tiotal a thogail is rinn iad toiseach-tòiseachaidh air leth le tadhal bho Danny Devine is dìreach trì mionaidean air an cluich.
Thàinig an dàrna tadhal an uairsin às dèidh 26 mionaidean is Billy MacAoidh leis.
Ged a bha am feasgar air a bhith gu math cofhurtail dha ICT sa mhòr-chuid, rinn iad cùisean doirbh dhaibh fhèin anns na mionaidean mu dheireadh is Kevin O'Hara a' faighinn tadhail air ais do Hamaltan, mus d' fhuair iad breab-peanais ann an ùine a chaidh a chur ris a' gheama.
Shàbhail Ross Rothach am breab sin ge-tà is thòisich am pàrtaidh am measg nan 5,000 duine a bha an làthair.
"An fhaireachdainn as fheàrr san t-saoghal," thuirt Scott Kellacher às dèidh làimh.
"Tha sinn air a bhith air slighe thairis air an 18 mìosan mu dheireadh, suas is sìos aig amannan, ach 's fhiach e uile.
"Seo an là as fheàrr a bh' agam a-riamh ann am ball-coise. Dh'fhuirich sinn uile còmhla bho thùs agus air an t-slighe a bh' ann is chunnaic thu sin an-diugh - bha a h-uile duine air an aon ràmh."
Bha beagan de sgleò air cùisean às dèidh làimh ge-tà is buaireadh ann nuair a bha luchd-taic bho gach taobh air ruith air a' phàirc.
Dhearbh Poileas Alba gun deach fireannach a ghoirteachadh is thuirt iad gu bheil iad a' rannsachadh a' ghnothaich.
Là math eile do Bhaile Ùr an t-Slèibhair fhoillseachadh aig 09:20 TSB 4 An Cèitean
09:20 TSB 4 An Cèitean
Fo-thiotal a’ bhidio,
Aithris air a' gheama eadar Baile Ùr an t-Slèibh is Cabar Fèidh is beachd bhon dà thaobh
Tha Baile Ùr an t-Slèibh fhathast gun puing a leigeil seachad am-bliadhna às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Cabar Fèidh 3-0.
Fhuair Brodie MacBheathain dà thadhal agus Iain Robinson an uairsin a' cur crìoch air cùisean anns na mionaidean mu dheireadh.
Tha Ceann a' Ghiùthsaich san dàrna àite san lìog, sia puingean air cùl a' Bhaile Ùir ach air dà gheama nas lugha a chluich.
Bha feasgar dùbhlanach aig Kings Disathairne is aca ri feitheamh chun nam mionaidean mu dheireadh airson nan tadhal bho Roddy Young is Tòmas Borthwick a rinn a' chùis air Caol-Gleann 2-0.
Faochadh dha Ceann a' Ghiùthsaich is dòchas eile do Chaol-Gleann gun urrainn dhaibh a bhith farpaiseach aig an ìre seo.
'S iad Camanachd an Òbain a tha san treas àite. Rinn iadsan a' chùis 1-0 air a' Ghearasdan Disathairne.
Bha droch là aig na Sgitheanaich is iad a' call 2-0 ri Loch Abar ann am Port Rìgh.
Tha na h-eileanaich fhathast gun phuing is fiù 's gun tadhal a chur fhathast san lìog is feum aca air faighinn gu dol cho luath 's a ghabhas.
Sa gheama rinn Ceann Loch Seile 3-1 air Caol Bhòid ann an Taigh na Bruaich.
Thòisich Cupa na Camanachd is Gleann Urchadain a' dèanamh adhartais 6-2 an aghaidh Cill Mhàilidh, is bha feasgar soirbheachail eile aig Inbhir Aora a bhuannaich 4-0 ann am Bòd.
Bha na tadhail a' frasadh a-steach cuideachd san dà gheama eile: rinn Lòbhat a' chùis 9-0 air Inbhir Nis is 's e 7-2 a bh' ann do Cheilitich an Òbain an aghaidh Àird nam Murchan.
Ann an Lìog Tuath 2 bha na Leòdhasaich aig an taigh 'son a' chiad uair am-bliadhna ach cha deach mar a bha iad ag iarraidh ann an Siabost far an do bhuannaich Loch Abar 3-1.
Ann an iomain nam ban tha coltas ann aig an ìre seo gur iad Ceann Loch Seile as coltaiche ceann a' mhaide a chumail ri Bàideanach san lìog.
Bha fìor dheagh là aig na Seilich Didòmhnaich is iad a' buannachadh 4-0 an aghaidh Loch Abair.
Thàinig na tadhail bho Lorna NicRath (2), Maura NicCoinnich is Rhianna Kirk is Ceann Loch Seile san dàrna àite is fhathast gun geama a chall.
Tha Loch Abar, a tha a' cur dìon air a' Phrìomh Lìog, mar-thà air dà gheama a chall -an aon àireamh a chaill iad fad an t-seusain an-uiridh - is bidh fios aca nach urrainn dhaibh mòran a bharrachd a leigeil às ma tha cothrom idir gu bhith aca an duais a chumail.
Tha Bàideanach fhèin sa phrìomh àite, rinn iadsan a' chùis 1-0 air Gleann Urchadain le tadhal bho Jeanette NicGriogair.
Tha na Sgitheanaich cuideachd gu mòr san rèis is thug iadsan droinneadh 9-1 air Inbhir Nis, Sarah Yoxon le ceithir dhiubh.
Cupa na Camanachd a' tòiseachadhair fhoillseachadh aig 13:59 TSB 1 An Cèitean
13:59 TSB 1 An Cèitean
Tòisichidh Cupa na Camanachd Disathairne is ceithir geamaichean ann sa chiad chuairt.
Tha Gleann Urchadain, a tha aig mullach na Lìge Nàiseanta, air falbh an aghaidh Chill Mhàilidh, sgioba a rinn glè mhath an t-seachdain seo chaidh le buaidh 4-0 an aghaidh GMA.
Tha GMA fhèin troimhe an Cupa na Camanachd gun ball a bhualadh is Srath Ghlais air tarraing a-mach às an fharpais.
Tha geama eile eadar dà sgioba san Lìog Nàiseanta Disathairne is Inbhir Aora a' siubhal gu Baile Bhòid.
Bidh sgioba Loch Fìne airson togail air mar a bhuannaich iad 6-3 an aghaidh Chaoil Bhòid an t-seachdain sa chaidh.
San dà gheama eile bidh Inbhir Nis an aghaidh Lòbhat aig a' Bhucht is bidh Àird nam Murchan ag amas air Ceiltich an Òbain a chur a-mach às' a chupa.
San dà gheama eile bidh na Sgitheanaich an aghaidh Loch Abair ann am Port Rìgh is iad ag amas air puingean gus an togail suas an lìge, is an Gearasdan an aghaidh Camanachd an Òbain.
'S e là mòr a bhios ann ann an Siabost is Camanachd Leòdhais a' cluich aig an taigh 'son a' chiad turas air an t-seusan.
Tha coltas air leth air a' gheama cuideachd is Loch Abar - tha an-dràsta san dàrna àite air cùl nan Leòdhasach ann an Lìog Tuath 2 - a' tighinn a chèildh.
Ann an iomain nam ban tha Loch Abar a' dol an aghaidh Chinn Loch Seile aig Rèaraig is iad an dòchas togail air mar a rinn iad a' chùis 6-0 air Inbhir Nis an t-seachdain seo chaidh.
Bidh e doirbh is Ceann Loch Seile gun geama a chall fhathast am-bliadhna.
San dà gheama eile sa Phrìomh Lìog bidh na Sgitheanaich an aghaidh Inbhir Nis is Bàideanach an aghaidh Ghlinn Urchadain.
Bidh an geama eadar na Sgitheanaich is Inbhir Nis ann Disathairne is an dà gheama eile ann Didòmhnaich.
Heileacoptair Disathairne ann an Lìog 1air fhoillseachadh aig 11:00 TSB 1 An Cèitean
11:00 TSB 1 An Cèitean
Tùs an deilbh, SPFL
Thèid cupa Lìog 1 na h-Alba a ghiùlain le heileacoptair chun na sgioba a bhuannaicheas an lìog Disathairne.
'S iad Caley Thistle Inbhir Nis a th' aig a' mhullach an-dràsta, dà phuing air thoiseach air Stenhousemuir.
Thèid ICT an aghaidh Hamilton ann an Inbhir Nis is fios aca ma bhuannaicheas iad gun tog iad an tiotal is gun tèid iad suas dhan Championship.
Tha a h-uile coltas ann gum biodh puing gu leòr cuideachd leis gu bheil ICT cho fada air thoiseach air Stenhousemuir air sgarradh thadhail.
Ach, ma chailleas an sgioba aig Scott Kellacher ri Accies, is ma bhuannaicheas Stenny ann am Mon Ròis, 's iad sgioba Gary Naismith a thogadh an tiotal.
Air sgàth an astar eadar Inbhir Nis agus Mon Ròis, tha an SPFL air heileacoptair a chur air dòigh airson a' chupa a lìbhrigeadh chun na sgioba a thig am bàrr.
Bidh aig cupa Lìog 2 ri siubhal cuideachd ach 's ann air a rathad a bhios sin.
Bhiodh puing gu leòr do Chille Bhrìghde an Ear an aghaidh Chluaidh aig an taigh airson an lìog a bhuannachadh.
Ach, ma chailleas sgioba Mick Kennedy, bheireadh sin cothrom do Spartans a tha trì puingean air an cùlaibh.
Bhiodh aig Spartans ri buannachadh air falbh bhon taigh an aghaidh Stirling Albion, agus cuideachd cur às dhen bheàrn de chòig tadhail eadar iad fhèin agus Cille Bhrìghde an Ear.
Bidh carbad leis a' chupa stèidhte eadar Sruighlea agus Cille Bhrìghde gus an tig dearbhadh neo tomhas math de bheachd air far a bheil an tiotal a' dol.
Cupa a' Chinn a Tuath le Sgoil MhicNeacailair fhoillseachadh aig 17:19 TSB 30 An Giblean
17:19 TSB 30 An Giblean
Tùs an deilbh, Sgoil MhicNeacail
Bha là air leth aig balaich Sgoil MhicNeacail Fo Aois 13 Diardaoin is iad a' togail Chupa Sgoiltean a' Chinn a Tuath.
Rinn sgioba Sgoil MhicNeacail a' chùis 8-1 air Acadamaidh Bheanncharaidh anns an teas aig Acadamaidh Allt a' Mhuilinn ann an Inbhir Nis.
Tùs an deilbh, Sgoil MhicNeacail
Thàinig na tadhail bho Alife MacÌomhair (2), Charlie Beatt (2), Adnan Bazarbasha (2), Anndra Bain, is tadhal a chuir fear de chluicheadairean Bheanncharaidh dhan lìon aige fhèin.
Bha Sgoil MhicNeacail air a' chùis a dhèanamh air Acadamaidh Inbhir Pheofharain 2-1 gus a' chuairt dheireannach a ruighinn.
Caol Àcainn sa chuairt dheireannaichair fhoillseachadh aig 09:16 TSB 29 An Giblean
09:16 TSB 29 An Giblean
Chaidh Caol Àcainn air adhart gu cuairt dheireannach Chupa GF MhicRath oidhche Mhàirt nuair a rinn iad an gnothach air Loch Aillse 4-1.
Ged a chuir Archie MacGilleÌosa Caol Àcainn air thoiseach tràth, fhreagair Ryan Grannd gu sgiobalta dha sgioba ùr Loch Aillse.
Bha Archie MacGilleÌosa am measg nan tadhal a-rithist ge-tà, is e a' cur a dhà eile ro leathach ùine gus hat-trick fhaighinn dha fhèin is Caol Àcainn a chur 3-1 air thoiseach.
Cha robh ach aona tadhal san dàrna leth - sin a' tighinn bho Thomas Greville is an geama a' crìochnachadh 4-1.
Bidh Caol Àcainn an aghaidh Mhalaig no Slèite is an Srath sa chuairt dheireannaich is iadsan gus cluich Disathairne.
Tha geama mòr ann an Uibhist oidhche Chiadain is Saints an Ìochdair a' dol an aghaidh Southend ann an Cupa Stailearan Bharraigh.
Bidh seo aig Pàirc an Eilein Duirche aig 6:30f.
Aths troimhe an Cupa Leòdhaisair fhoillseachadh aig 09:12 TSB 28 An Giblean
09:12 TSB 28 An Giblean
Rinn Aths adhartas ann an Cupa Mòldobha Leòdhais oidhche Luain nuair a bhuannaich iad 6-0 an aghaidh Nis.
Chaidh Aths air thoiseach sa chiad mhionaid aig na Còig Peighinnean nuair a chuir fear de chluicheadairean Nis am ball dhan lìon aige fhèin.
Bha cùisean an ìre mhath cofhurtail dha Aths às dèidh sin le tadhal eile ro leathach slighe is ceithir a bharrachd san dàrna leth.
Tha aona gheama air Taobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt is Caol Àcainn a' cur fàilte air Loch Aillse ann an Cupa GF MhicRath.
Tòisichidh an geama sin aig 6:30f.
Abraich air ais ann an sunndair fhoillseachadh aig 09:10 TSB 28 An Giblean
09:10 TSB 28 An Giblean
Fo-thiotal a’ bhidio,
Chaidh boireannaich Loch Abair suas dhan dàrna àite sa Phrìomh Lìog às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh air Inbhir Nis 6-0 aig Pàirc a' Bhucht Didòmhnaich.
Bhuannaich na h-Abraich a' Phrìomh Lìog an-uiridh is thòisich iad an seusan seo gu math leis a' chùis a dhèanamh air na Sgitheanaich 1-0.
Bhon uairsin ge-tà, tha iad air call san lìog ris na nàimhdean mòra aca Bàideanach agus chuir na Sgitheanaich an uairsin iad a-mach à Cupa ùr na Prìomh Lìge an t-seachdain sa chaidh.
'S iad Natalie NicDhòmhnaill (3), Elaine Wink (2) is Shannon NicUilleim a fhuair na tadhail aig a' Bhucht is Loch Abar air ais ann an sunnd.
Tha geama mòr lìge eile ann dhaibh Didòmhnaich seo tighinn is iad a' siubhal gus cluich an aghaidh Chinn Loch Seile.
Tha Seile air an seusan a thòiseachadh gu math is trì puingean aca às an dà gheama lìge a chluich iad, a thuilleadh air adhartas a dhèanamh ann an Cupa na Prìomh Lìge.
Bidh Ceann a' Ghiùthsaich, a tha ag amas air Cupa MhicThàmhais a bhuannachadh airson a' chòigeamh turas ann an sreath, air falbh an aghaidh Lòbhat anns an iar-chuairt dheireannaich den fharpais am-bliadhna.
Anns a' gheama eile, bidh Cabar Fèidh a' dol an aghaidh Bhaile Ùr an t-Slèibh aig Caisteal Leòid ann an Srath Pheofhair.
'S iad Lòbhat an aona sgioba a th' air fhàgail san fharpais nach eil a' cluiche sa Phrìomh Lìig.
Thèid na geamannan a chluich Disathairne 23mh den Chèitean.
Bidh cuairt dheireannach Cupa MhicThàmhais aig Pàirc a' Bhucht Disathairne 13mh den Ògmhìos.
Buaidh do Chounty ach fhathast aig bonn an Championshipair fhoillseachadh aig 10:23 TSB 27 An Giblean
10:23 TSB 27 An Giblean
Tùs an deilbh, Rob Casey/SNS
Fo-thiotal an deilbh,
Cluicheadairean Ross County Akil Wright (clì) agus Ryan Duncan an dèidh a dhol 1-0 an aghaidh Morton.
Fhuair Ross County a' bhuaidh a bu mhotha aca air an t-seusan seo nuair a rinn iad an gnothach air Morton 4-0 ach cha robh gu leòr an sin airson an gluasad far bonn an Championship.
Bhuannaich Airdrie 2-1 an aghaidh Ayr United agus tha sin gan cumail-san aona phuing agus àite air thoiseach air County san lìg.
Thuirt manaidsear Chounty Stuart Kettlewell gum feumadh iad an aona rud a dhèanamh sa gheama an aghaidh Raith Rovers, a th' ann am meadhan na lìg, Dihaoine.
Bha Kettlewell air a dhòigh le mar a chluiche an sgioba aige - bhiodh iad air dhol sìos nam biodh iad air call.
Chuir an cluicheadair dìon Akil Wright County air thoiseach tràth sa gheama agus chuir Jordan White ris an sin an uairsin.
Beagan as dèidh leth-ùine chuir Noah Chilvers, nach eil ach dìreach air tilleadh dhan sgioba, County gu 3-0 mus do chuir Ryan Duncan, a th' air iasad bho Obar Dheathain, gleansa buileach air a' gheama leis a' cheathramh tadhal.
B' e seo a' chiad uair air an t-seusan seo a bhuannaich County dà gheama ann an sreath anns an lìg. Rinn iad an gnothach air Ayr United 2-1 aig an taigh an t-seachdain seo chaidh.
Chan eil Morton ach dà phuing air thoiseach air Airdrie san lìg agus trì puingean air thoiseach air County.
Tha Morton is Airdrie a' cluiche a chèile aig Cappielow Dihaoine agus mar sin, tha cothrom aig gach sgioba fhathast.
Ceann a' Ghiùthsaich air ghleus am Port Rìghair fhoillseachadh aig 09:31 TSB 27 An Giblean
09:31 TSB 27 An Giblean
Fo-thiotal an deilbh,
Rinn Ceann a' Ghiùthsaich adhartas aig Pàirc nan Laoch
Tha Ceann a' Ghiùthsaich fhathast le cothrom Cupa MhicThàmhais a bhuannachadh còig bliadhna ann an sreath is iad am measg nan sgiobaidhean a tha troimhe dhan iar-chuairt dheireannaich.
Chuir Dylan Borthwick Kings air thoiseach ann am Port Rìgh Disathairne is ged a fhreagair Jordan Murchison dha na Sgitheanaich san dàrna leth, chuir dà thadhal goirid às dèidh a cheile an uairsin sgioba Bhàideanach troimhe.
Thàinig a' chiad fhear nuair a chaidh shie bho Thòmas Borthwick dhan lìon a dh'aindeoin oidhirp bho Ali Dòmhnallach stad a chur air, is an uairsin bho Chalum McLay, a tha air tòiseachadh gu math bho ghluais e gu Ceann a' Ghiùthsaich bho GMA.
Chaidh Baile Ùr an t-Slèibh air adhart cuideachd ann an Druim na Drochaid.
Chuir Alfie MacLeòid Gleann Urchadain air thoiseach tràth sa gheama sin ach thàinig tadhail bho Iain Robinson, Euan Dingwall is Declan Brannan gus am Baile Ùr - a tha air gach geama gu seo a bhuannachadh air an t-seusan seo - a chur troimhe.
Bha fìor dheagh là aig Cabar Fèidh is iad a' buannachadh 2-1 an aghaidh a' Ghearasdain ann an Srath Pheofhair.
Ged a fhuair Lachie Seathach tadhal tràth dha na h-Abraich, fhreagair Ali Taylor òg gu sgiobalta 'son Cabers.
'S e Cameron Grannd a bhuannaich an geama dhaibh le 20 mionaid air fhàgail.
Bha sùilean mhòran air an dàrbaidh eadar a' Mhanachainn is Lòbhat agus 's e geama teann a bh' ann.
Air a' cheann thall 's e an seann sionnach Greg MacMhathain a chuir an tadhal a chuir Lòbhat troimhe.
Aig deas, chuir Inbhir Aora an ceòl air feadh na fìdhle ann an Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu is iad a' soirbheachadh 6-3 an aghaidh nan seann nàimhdean aca Caol Bhòid.
Ged a bha sgioba Thaigh na Bruaich 2-0 air thoiseach tràth, fhreagair Inbhir Aora gu làidir le tadhail bho Cholla MacAoidh (3), Friseal Watt (2) is Ruairidh Òg Greumach.
'S e seo a' chiad turas a bha Inbhir Aora air an gnothach a dhèanamh air Caol Bhòid 'son còrr is 10 bliadhna.
Tha geama doirbh aca san iar-chuairt dheireannaich ge-tà is Camanachd an Òbain a' feitheamh riutha.
Tadhail gu lèor an iomain nam ban
Sa gheama eile san iar-chuairt dheireannaich bidh Caol-Gleann, a rinn a' chùis 5-2 air Eilean Bhòid Disathairne, an aghaidh GMA.
Ann an Lìog Tuath 2 tha na Leòdhasaich fhathast gun geama a chall.
Chrìochnaich iad 1-1 an aghaidh Lòbhat Disathairne is tadhal bho Donnie MacRath san dàrna leth a' sàbhaladh puing dhaibh.
Ann an iomain nam ban, dh'èirich Loch Abar dhan dàrna àite sa Phrìomh Lìog nuair a rinn iad a' chùis 6-0 air Inbhir Nis.
Thàinig trì de na tadhail bho Natalie NicDhòmhnaill an sin.
Thog na Sgitheanaich na ciad phuingean acasan den t-seusan le buaidh 4-2 an aghaidh GMA.
'S iad Abby NicIlleathain (3) is Caitlin NicIlleathain a fhuair na tadhail dha na Sgitheanaich is Beth NicGilleFhialain leis na dhà do GMA.
Deagh là eile dha na Sgitheanaich às dèidh dhaibh adhartas a dhèanamh ann an Cupa na Prìomh Lìge an t-seachdain sa chaidh.
Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog rinn Ceann Loch Seile a' chùis 4-0 air Gleann Urchadain.
Thàinig na tadhail bho Lorna NicRath (2), Maura NicCoinnich is Lexi NicCoinnich.
Tha Ceann Loch Seile ann an deagh shuidheachadh aig an ìre thràth seo den t-seusan is trì puingean aca às an dà gheama a chluich iad.