Spòrs

Latest updates

  1. Sguad na h-Alba aig Cupa na Cruinne 2026air fhoillseachadh aig 17:20 TSB

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Dè tha Alasdair MacIllinnein, neach-aithris BBC RnG aig Cupa na Cruinne 2026, a' dèanamh de cho-dhùnaidhean Steve Clarke mun sguad aige airson na farpais?

  2. Dàil air obair-leasachaidh aig Pàirc na Banrighair fhoillseachadh aig 09:19 TSB

    Megan Keith, Ken Gowans, Craig Robertson is James Martin aig Pàirc na Banrigh.Tùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd

    Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil dàil suas ri mìos gu bhith air obair-leasachaidh aig Pàirc na Banrigh ann an Inbhir Nis.

    Chaidh cùmhnant £650,000 a thoirt dhan chompanaidh Allsports gus an traca-ruith aig a' phàirc ùrachadh.

    Bha cuirm aig Pàirc na Banrigh an t-seachdain seo chaidh is an cleasaiche ionadail Megan Keith am measg na bha an làthair gus fàilte a chur air an obair.

    Bha dùil gun tòisicheadh Allsports air an leasachadh ro dheireadh a' Chèitein is gum biodh e dèanta ro dheireadh an t-samhraidh.

    Tha Comhairle na Gàidhealtachd a-nise ag ràdh gu bheil dùbhlain air a bhith aig Allsports stuthan fhaighinn.

    Thuirt iad gu bheil dùil gun tòisich an obair uaireigin san Ògmhios.

    Tha Harriers Inbhir Nis, a bha air gluasad a-mach às an traca is iad gus Àrd-sgoil Inbhir Nis a chleachdadh fhad 's a bha an obair a' dol, a-nise air tilleadh gu h-eadar-amail.

  3. Na Hearadh is Am Bac troimhe an Cupa Leòdhaisair fhoillseachadh aig 08:04 TSB

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Am Bac a' dèanamh a' chùis air an Rubha air breaban-peanais. Dealbhan bho Island Footie.

    Bidh Am Bac an aghaidh Na Hearadh sa chuairt dheireannaich de Chupa Leòdhais is an dà sgioba air buannachadh oidhche Luain.

    Bha cùisean gu math teann ann an Col Uarach eadar na seann nàimhdean Am Bac is An Rubha.

    Chuir Aonghas Dòmhnallach na Rubhaich air thoiseach às dèidh 24 mionaidean ach dh'fhàg tadhal bho Louie Dòmhnallach dìreach ro lethach slighe na sgiobaidhean co-ionnan 1-1.

    Bha an dearbh phàtran ann san dàrna leth is Aonghas Dòmhnallach air an targaid tràth airson nan Rubhach mus do fhreagair Elliot MacEanraig airson a' Bhac le 67 mionaid air an cluich.

    'S e 2-2 a bh' ann aig deireadh nan 90 mionaidean agus às dèidh ùine a bharrachd.

    Air a' cheann thall shoirbhich Am Bac air breaban-peanais 4-2 is iad troimhe dhan chuairt dheireannaich.

    Thòisich na Hearaich gu làidir an aghaidh An Taobh Siar ann am Barbhas le breab-peanàis tràth sa gheama bho Anndra Moireasdan.

    Ged a chuir Ali MacLeòid tadhal dhan Taobh Siar, bha làmh an uachdair aig na Hearaich is tadhail bho Ahmed Pandor is Connor MacLeòid gam fàgail 3-1 air thoiseach aig lethach slighe.

    Ged a fhuair AJ Moireasdan tadhal air ais dha na Siaraich san dàrna leth cha robh an còrr thadhal ann às dèidh sin is an geama a' crìochnachadh 3-2.

    Na Hearaich air ais sa chuairt dheireannaich far am bi iad an dòchas a dhol ceum nas fhaide na rinn iad an-uiridh.

    Bidh a' chuairt dheireannach sin ann Disathairne an 13mh den Ògmhios.

    Tha aon gheama ann an Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt is Caol Àcainn a' cur fàilte air Loch Aillse.

    Chan eil geamaichean idir a' dol ann an Uibhist is Barraigh.

    'S dòcha gu bheil am pàrtaidh a' leantainn ann am Barraigh ge-tà, is sgioba an eilein air Chupa Stailearan Bharraigh a bhuannachadh air an deireadh-sheachdain.

    Rinn na Barraich a' chùis 4-0 air Saints an Ìochdair is na tadhail a' tighinn bho Sheumas Davidson, AJ MacNeacail, Steafan Davidson is Mata Davidson.

  4. Scott Hastings - "fear de na cluicheadairean a b' fheàrr a bh' aig Alba riamh"air fhoillseachadh aig 13:44 TSB 18 An Cèitean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Ùisdean MacIllinnein a' dèanamh luaidh air Scott Hastings

    Tha saoghal an rugbaidh air a bhith a' dèanamh luaidh air Scott Hastings a chaochail Didòmhnaich aig aois 61.

    Chluich Hastings 65 geama do dh'Alba is e na phàirt den sgioba a bhuannaich Grand Slam ann an 1990.

    Bha e dà thuras cuideachd air chuairt le Leòmhainn Bhreatainn.

    Chluich e tòrr mòr de na geamaichean sin còmhla ri a bhràthair Gavin.

    Às dèidh dha sguir a chluich, chaidh e an sàs ann an craoladh is rinn e tòrr a thaobh chathrannasan slàinte-inntinn còmhla ri a bhean Jenny, a chuir làmh na beatha fhèin ann an 2024 às dèidh dhi a bhith bliadhnaichean a' fulang le trom-inntinn.

    Bha Scott Hastings fhèin air a bhith a' fulang le aillse anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

    A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain, thuirt Ùisdean MacIllinnein gur e sàr chluicheadair a bh' ann an Scott Hastings is gun robh urram is spèis aig mòran dha mar dhuine.

  5. Là math eile dhan Bhaile Ùr is Ceann a' Ghiùthsaichair fhoillseachadh aig 07:36 TSB 18 An Cèitean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Na tadhail bhon gheama eadar am Baile Ùr is Ceann Loch Seile

    Ghluais Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich nas fhaide air thoiseach air a' chòrr ann am Prìomh Lìog nam fear san iomain às dèidh dhaibh ri chèile buannachadh gu cofhurtail air an deireadh-sheachdain.

    Rinn am Baile Ùr a' chùis 3-0 air Ceann Loch Seile aig Rèaraig is na tadhail a' tighinn bho Brodie MacBheathain is dà bhuille-peanais bho Steafan Dòmhnallach.

    Tha am Baile Ùr a-nis air ochd a-mach à ochd a bhuannachadh san lìog is iad ann an suidheachadh làidir.

    Tha Ceann a' Ghiùthsaich san dàrna àite is iadsan air droinneadh uabhasach a thoirt air Caol Bhòid 17-0.

    Chuir Ruairidh MacAnndrais 5, Roddy Young 4, Dylan Borthwick is Savio Genini ri chèile 3 is thàinig na tadhail eile a' tighinn bho Thòmas Borthwick is Zander Michie.

    Ged 's e sgioba lag a bh' aig Caol Bhòid air an là bidh na h-uimhir de cheistean ann air ciamar dìreach a chaill iad san dòigh seo.

    Thuit Camanachd an Òbain nas fhaide air dheireadh air fuamhairean Bhàideanach nuair a chaidh an cumail 0-0 le Camanachd an Eilein Sgitheanaich.

    'S e a' chiad phuing den t-seusan a bh' ann dha na Sgitheanaich is togail dhaibhsan às dèidh do Choinneach MacLeòid seasamh sìos mar mhanaidsear an t-seachdain seo chaidh.

    'S e puing an urra a bh' ann cuideachd eadar Loch Abar is An Gearasdan is iad a' crìochnachadh 2-2, is thog Cabar Fèidh na puingean 4-0 sa gheama acasan an aghaidh Chaol-Gleann.

    Ann an Lìog Tuath 2 bha fìor dheagh là aig na Leòdhasaich is iad air a' chùis a dhèanamh air Oilthigh Obar Dheathain le tadhal bho Lewis MacLeòid.

    Ann an iomain nam ban leig Bàideanach puing às 'son a' chiad turas am-bliadhna is iad a' crìochnachadh 2-2 an aghaidh nan Sgitheanach ann am Port Rìgh.

    Chuir Sarah Yoxon na h-eileanaich air thoiseach dà thuras ach fhuair Hope Borthwick na tadhail air ais a ghlèidh puing dha Bàideanach.

    Tha seo gam fàgail fhathast ceithir puingean air thoiseach aig mullach na lìge.

  6. Manaidsear nan Sgitheanach air seasamh sìosair fhoillseachadh aig 11:06 TSB 15 An Cèitean

    Pàirc nan Laoch

    Tha Camanachd an Eilein Sgitheanaich a' sireadh manaidseir ùir is e air tighinn am bàrr gu bheil Coinneach 'Barlow' MacLeòid air seasamh sìos.

    Thill Mgr MacLeòid gu obair a' mhanaidseir aig Pàirc nan Laoch airson an dàrna turas sa Ghiblean an-uiridh.

    Thàinig piseach mòr air suidheachadh na sgioba às dèidh sin is iad a' sreap na lìge.

    Bha dòchas ann gum b' urrainn dhaibh togail air sin am-bliadhna is a bhith a' farpais 'son nan duaisean.

    Chan eil cùisean thuige seo air a dhol mar bu mhiann leotha ge-tà, is iad aig bonn na Prìomh Lìog gun puing fhaighinn no fiù 's tadhal a chur gu seo, is iad cuideachd air a dhol a-mach à Cupa MhicThàmhais.

    Tha na Sgitheanaich air a bhith as aonais chluicheadairean cudromach tric gu seo is iad cuideachd mì-fhortanach an lìog a thòiseachadh le geamaichean an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich.

    Ann an aithris aig Alasdair Bruce sa P&J, taobh a-muigh, thuirt Mgr MacLeòid gu bheil an obair làitheil aige air fàs nas trainge agus eadar sin agus uallach na h-iomain gun robh e a' call a-mach air ùine leis an teaghlach aige.

    Thuirt e gun robh an dà speil aige mar mhanaidsear air còrdadh ris gu mòr.

    Thathar a' tuigsinn gur iad Dàibhidh Taylor is Iain Urchadain a bhios os cionn na sgioba airson a' gheama an aghaidh Camamachd an Òbain Disathairne.

  7. An rèis son tiotal na Prìomh Lìge sna buillean mu dheireadhair fhoillseachadh aig 16:32 TSB 13 An Cèitean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha farsaingeachd de dh'fhaireachdainnean am measg luchd-leantainn Hearts agus Celtic le dìreach dà gheama air fhàgail de sheusan na lìge.

    'S urrainn do Hearts an lìog a bhuannachadh airson a' chiad turas bho 1960 ma nì iad a' chùis air an Eaglais Bhreac aig Tynecastle oidhche Chiadain agus ma chailleas Celtic ri Tobar na Màthar.

    Ma chrìochnaicheas an dà gheama ann an dòigh sam bith eile, thèid e sìos chun an là mu dheireadh, Disathairne, nuair a chluicheas Celtic an aghaidh Hearts ann an Glaschu.

    Chuala sinne bho Sammie Mac an Tòisich (Hearts) agus Ruairidh MacCarmaig (Celtic) mu mar a tha iad a' faireachdainn is an rèis airson an tiotail aig àrd an teasaich.

  8. Barraigh sa chuairt dheireannaichair fhoillseachadh aig 07:56 TSB 13 An Cèitean

    Chaidh Barraigh air adhart gu cuairt dheireannach Chupa Stailearan Bharraigh oidhche Mhàirt nuair a rinn iad an gnothach 3-2 air Uibhist a Tuath.

    Bha Barraigh air thoiseach 2-0 aig lethach slighe mus do thill Uibhist a Tuath gu 2-2 san dàrna leth.

    'S e tadhal anns na diogan mu dheireadh bho AJ MacNeacail a bhuannaich an geama do Bharraigh.

    Bidh iad a-nise an aghaidh Saints an Iochdair sa chuairt dheireannaich Disathairne.

    Cuideachd oidhche Mhàirt, ghluais Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich suas dhan dàrna àite ann an Liog Thaobh Siar na Gàidhealtachd nuair a rinn iad a' chùis air Caol Àcainn 4-1.

    Chuir Ailig Dòmhnallach an Iar Thuath air thoiseach is dh'fhàg tadhal bho Gus Dòmhnallach gur e 2-0 a bh' ann aig lethach slighe.

    Chuir Eoghainn Greumach an treas tadhal is ged a fhuair Keith MacCoinnich fear air ais do Chaol Àcainn, dh'fhàg tadhal eile bho Gùs Dòmhnallach gun do chrìochnaich an geama 4-1.

  9. Obair ùr dha Donaidh Foirbeis aig Countyair fhoillseachadh aig 16:34 TSB 12 An Cèitean

    Donaidh Forbeis

    Tha Ross County air Donaidh Foirbeis ainmeachadh mar Cheannard Dàta agus Fastaidh.

    'S ann à Inbhir Nis a tha Donaidh bho thùs is tha e air a bhith an sàs ann an dàta agus ann an scoutadh ann am ball-coise fad grunn bhliadhnaichean.

    Tha e air obair a dhèanamh aig diofar ìrean 'son Chaley Thistle, Hearts, Queen's Park, Colchester United, agus Hibs.

    Tha Donaidh, aig a bheil Gàidhlig, anns na bliadhnaichean mu dheireadh cuideachd air a bhith an sàs ann an FC Sonas agus Alba FA.

    Thuirt County gu bheil na ceanglaichean làidir Gàidhealach aig Donaidh a' ciallachadh gu bheil tuigse aige air cho cudromach 's a tha e do chlubaichean a bhith freumhaichte sa choimhearsnachd, ach aig an aon àm a bhith a' cur dòighean-obrach is bun-structar ùr an sàs.

    "Thuig sinn mar chluba gum feum sinn na dòighean againn atharrachadh," thuirt CEO Chounty, Steven Fearghasdan.

    "Tha mi air a bhith a' còmhradh ri Donaidh fad bliadhna air mar as urrainn dhuinn mar chluba dàta a chleachdadh.

    "'S e ceum mòr a th' ann dhuinn Donaidh fhaighinn a-steach agus tha fiosam gun obraich e gu dlùth ris a' mhanaidsear gus piseach a thoirt air cùisean air feadh a' chluba.

    Dhearbh County gu bheil an t-àrd scout a bh' aca ann an Alba, Stuart Millar, a-nise air an cluba fhàgail.

    Tha an ceannard fastaidh a bh' ann, Greg Strong, cuideachd air falbh.

    Bidh Strong a-nise ag obair aig Oldham Athletic.

  10. Ceithir troimhe ann an Cupa Leòdhaisair fhoillseachadh aig 09:26 TSB 12 An Cèitean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Rinn an Rubha a' chùis air Athletic Steòrnabhaigh 2-1

    Chaidh am Bac, na Hearadh, an Rubha is an Taobh Siar uile troimhe dhan iar-chuairt dheireannaich de Chupa Leòdhais oidhche Luain.

    'S e 3-1 a bh' ann dhan Bhac an aghaidh Chàrlabhaigh is an dà thadhal a bhuannaich an geama dhaibh a' tighinn anns na mionaidean mu dheireadh.

    'S e seo an treas turas am-bliadhna a tha na Bacaich air a' chùis a dhèanamh air Càrlabhagh.

    Bha e faisg cuideachd ann an Garrabost far an do rinn an Rubha an gnothach 2-1 air Aths.

    'S e breab-peabais bho Josh Mac a' Ghobhainn le ochd mionaidean air fhàgail a ghlèidh an geama dha na Rubhaich agus Aths a' call 'son a' chiad uair air an t-seusan seo.

    Tha na tadhail bhon gheam sin ri fhaicinn gu h-àrd.

    Bha an dà gheama eile gu math nas chofhurtail - na Hearadh a' buannachadh 7-0 an aghaidh United is An Taobh Siar a' cur seachd seachad air na Lochan cuideachd.

    Tha seo a' fàgail gum bi na geamaichean san iar-chuairt dheireannaich mar a leanas:

    • An Taobh Siar - Na Hearadh

    • Am Bac - An Rubha

    Bidh na geamaichean ann Diluain seo tighinn (18/05).

    Ron sin bidh aona gheama ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt is Caol Àcainn a' cur fàilte air Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich.

    Tha geama mòr cuideachd ann an Cupa Stailearan Bharraigh oidhche Mhàirt is Uibhist a Tuath a' dol an aghaidh Bharraigh aig Pàirc an Eilein Duirche.

    Innsidh an geama seo cò thèid an aghaidh Saints an Iochdair sa chuairt dheireannaich.

  11. Ball-coise ionadailair fhoillseachadh aig 09:17 TSB 6 An Cèitean

    'S iad an Gearasdan a rinn a' chùis san aon gheama ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt.

    Ged a bha iad fhèin is Caol Àcainn co-ionnan 1-1 aig lethach slighe, 's iad na h-Abraich a thàinig am bàrr san dàrna leth is iad a' soirbheachadh 3-1.

    'S e seo a' chiad gheama a tha an Gearasdan air buannachadh air an t-seusan seo is tha e gan togail os cionn Chaoil Àcainn san lìog.

    Bha tadhail gu leòr ann an Uibhist oidhche Mhàirt cuideachd is Èirisgeigh a' dèanamh a' ghnothaich 6-4 air Southend ann an Cupa Stailearan Bharraigh.

  12. GG a' fàgail sgioba WIIGAair fhoillseachadh aig 08:32 TSB 6 An Cèitean

    Iain GG Caimbeul is Kerry Nic a' Phì aig Geamannan nan Eilean ann am Bermuda ann an 2013.Tùs an deilbh, WIIGA
    Fo-thiotal an deilbh,

    Iain GG Caimbeul is Kerry Nic a' Phì aig Geamannan nan Eilean ann am Bermuda

    Dh'innis Iain "GG" Caimbeul gu bheil e a' fàgail a dhreuchd mar mhanaidsear air sgioba Gheamanan nan Eilean dha na h-Eileanan an Iar.

    Bha GG os cionn na sgioba fad còrr air 15 bliadhna.

    Bha e na mhanaidsear air an sgioba aig na geamanan ann am Bermuda, Jersey, Gotland, Gibraltar, Guernsey agus Arcaibh.

    B' iad geamannan Eilean Wight ann an 2011 a' chiad fheadhainn dhan deach e ged nach robh e a' ruith na sgioba aig an àm.

    Thug Comann Geamannan nan Eilean Siar taing do Mhgr Caimbeul airson na rinn e do WIIGA thar nam bliadhnaichean.

    Thàinig aillse pròstata air Mgr Caimbeul agus bha e a' togail airgid do charthannas aillse an-uiridh fhad 's a bha e a' deisealachadh na sgioba airson Arcaibh.

  13. "Tha e a' toirt dhuinn tomhais air càite bheil a' chumhachd san spòrs"air fhoillseachadh aig 09:47 TSB 5 An Cèitean

    Wu Yize Tùs an deilbh, Getty Images

    Thàinig comharra eile air linn ùr ann an snùcair is Tiotal na Cruinne a' dol a Shìona airson na dàrna bliadhna ann an sreath.

    Rinn Wu Yize a' chùis air Shaun Murphy 18-17 ann an geama fìor theann aig a' Chrucible, bliadhna às dèidh do Zhao Xintong an tiotal a thogail.

    Aig 22, 's e Wu an dàrna cluicheadair as òige riamh a bhuannaich an tiotal.

    "Wu Yize a' dearbhadh gun cuireadh e pot air a' bhòrd nas fheàrr na duine sam bith eile thairis air na 17 là mu dheireadh," thuirt an t-eòlaiche snùcair Derek 'Pluto' Moireach air Aithris na Maidne Dimàirt.

    "Tha e gu math tarraingeach dhan spòrs gu bheil na cluicheadairean a tha seo à Sìona a' tighinn.

    "Tha còignear chluicheadairean Sìonach a-nise anns a' phrìomh 16.

    "Tha e 's dòcha a' toirt dhuinn tomhais air càite bheil a' chumhachd san spòrs."

    Bha Derek den bheachd gun robh deagh fharpais ann san fharsaingeachd.

    "Bha cuairt dheireannach againn a bha sinn airidh air 'son thairis air na 17 là bha an ìre dìreach iongantach," thuirt e.

  14. Aths am measg nan tadhal ann an Nis a-rithistair fhoillseachadh aig 08:56 TSB 5 An Cèitean

    Bha deagh oidhche a-rithist aig Aths ann an Nis Diluain is iad a' buannachadh 7-0 aig na Còig Peighinnean ann an Lìog Leòdhais is na Hearadh.

    Thàinig seo dìreach seachdain às dèidh do dh'Aths a' chùis a dhèanamh air na Nisich 6-0 san dearbh àite ann an Cupa Moldòbha Leòdhais.

    Bha tadhail gu leòr ann am Barbhas cuideachd oidhche Luain far an do rinn an Taobh Siar an gnothach 6-1 air na Lochan.

    Bha geama na b' fhaisge ann an Càrlabhagh is an Rubha air a' cheann thall a' buannachadh 3-1.

    Bha seo às dèidh do Chàrlabhagh a bhith air thoiseach 1-0 aig letheach slighe.

    Thàinig sgeulachd na h-oidhche aig Pàirc Chnoc nan Gobhar far an do chrìochnaich United is am Bac co-ionann 1-1.

    Buille thràth a bha seo dhan Bhac is an oidhirp aca greim a chumail air an tiotal.

    Tha aona gheama ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd Dimàirt is an Gearasdan gus fàilte a chur air Caol Acain.

  15. Kettlewell a' leantainn air aig Ross Countyair fhoillseachadh aig 16:59 TSB 4 An Cèitean

    Stuart KettlwellTùs an deilbh, SNS

    Dh'ainmich Ross County gum fuirich Stuart Kettlewell mar mhanaidsear às dèidh dhan sgioba tuiteam gu Lìog 1 na h-Alba.

    'S e seo an dàrna seusan ann an sreath a tha na Staggies air tuiteam a-mach às an lìog sa bheil iad.

    Bha Kettlewell air an t-seusan a thòiseachadh mar mhanaidsear Chille Mheàrnaig ach chaidh a chur às a dhreuchd san Dùbhlachd.

    Chaidh e an uairsin fhastadh ann an Inbhir Pheofharain às dèidh do Tony Docherty a' bhròg fhaighinn, ach cha b' urrainn dha an sgioba a chumail san Championship agus chrìochnaich iad aig bonn na Lìge às dèidh call ri Raith Rovers, 3-2, oidhche Haoine.

    "Stiùir Stuart an sgioba gu suidheachadh far an robh iad beagan mhionaidean bho bhith fuireach san Championship, is tha sinn a' faireachdainn gu bheil na sgilean ceart aige agus na ceangalan leis a' chluba agus a' Ghàidhealtachd airson ar toirt air adhart," thuirt an cathraiche, Roy MacGriogair.

    Leanaidh Stephen Frail air mar leas-mhanaidsear ach tha Iain Robasdan air fàgail às dèidh taic a chumail ri Don Cowie aig toiseach an t-seusain agus a bhith na mhanaidsear eadar-amail mus do thòisich Docherty san t-Sultain.

    Chaidh cùmhnantan a thabhainn air còig cluicheadairean a tha le aontaidhean a tha a' tighinn gu ceann ach tha cluicheadairean le eòlas leithid Ross Laidlaw, Alex Iacovitti, Jordan White, Jay Henderson, Declan Gallagher agus Uche Ikpeazu air falbh.

    Tha cuideachd ochdnar chluicheadairean a bh' air iasad air tilleadh chun nan clubaichean pàrant aca.

  16. Dùil ri atharrachaidhean mòra ann an Inbhir Pheofharainair fhoillseachadh aig 10:28 TSB 4 An Cèitean

     James ScottTùs an deilbh, SNS

    Fhad 's a bha Caley Thistle a' dèanamh gàirdeachais air an deireadh-sheachdain 's ann a bha cùisean gu math diofraichte ann an Inbhir Pheofharain is Ross County air tuiteam a-mach às an Championship.

    Chaill County 3-2 ri Raith Rovers oidhche Haoine, a' fàgail gun do chrìochnaich iad aig bonn na lìge is iad a' dol sìos airson an dàrna seusan sreath ri chèile.

    Bha seo a dh'aindeoin is gun robh mòran an dùil aig toiseach an t-seusain gum biodh iad a' farpais aig mullach na lìge 'son tilleadh dhan Phrìomh Lìog.

    "Bha sinn 1-0 air thoiseach is smachd againn air a' gheama is rinn sinn sgrios oirnn fhèin," thuirt manaidsear na Staggies, Stuart Kettlewell, às dèidh a' gheama.

    "Sin stòiridh ar seusan.

    "Bidh atharrachaidhean mòra aig a' chluba a-nise, tha mi an amharas, is tha sinn an dùil soilleireachadh fhaighinn air sin bhon chathraiche is àrd-oifigear anns na làithean ri thighinn".

    A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain, thuirt fear de luchd-taic Chounty, Pàdraig MacAmhlaigh, gum feum County manaidsear a thaghadh is ùine a thoirt dhaibh.

    Bha trì mananaidearan aig an sgioba tron t-seusan a bh' ann is Don Cowie is Tony Docherty air an dreuchdan a chall mus deach Kettlewell fhastadh san Dùbhlachd.

  17. Kellacher: "An là as fheàrr agam ann am ball-coise"air fhoillseachadh aig 09:33 TSB 4 An Cèitean

    Cluicheadairean ICT le duais na lìgeTùs an deilbh, SNS

    Thuirt manaidsear Chaley Thistle nach robh riamh là cho math aige ann am ball-coise às dèidh dhan sgioba Lìog 1 a bhuannachadh air an deireadh-sheachdain.

    Bha Inbhir Nis dìreach feumach air puing an aghaidh Hamaltan gus an tiotal a thogail is rinn iad toiseach-tòiseachaidh air leth le tadhal bho Danny Devine is dìreach trì mionaidean air an cluich.

    Thàinig an dàrna tadhal an uairsin às dèidh 26 mionaidean is Billy MacAoidh leis.

    Ged a bha am feasgar air a bhith gu math cofhurtail dha ICT sa mhòr-chuid, rinn iad cùisean doirbh dhaibh fhèin anns na mionaidean mu dheireadh is Kevin O'Hara a' faighinn tadhail air ais do Hamaltan, mus d' fhuair iad breab-peanais ann an ùine a chaidh a chur ris a' gheama.

    Shàbhail Ross Rothach am breab sin ge-tà is thòisich am pàrtaidh am measg nan 5,000 duine a bha an làthair.

    "An fhaireachdainn as fheàrr san t-saoghal," thuirt Scott Kellacher às dèidh làimh.

    "Tha sinn air a bhith air slighe thairis air an 18 mìosan mu dheireadh, suas is sìos aig amannan, ach 's fhiach e uile.

    "Seo an là as fheàrr a bh' agam a-riamh ann am ball-coise. Dh'fhuirich sinn uile còmhla bho thùs agus air an t-slighe a bh' ann is chunnaic thu sin an-diugh - bha a h-uile duine air an aon ràmh."

    Bha beagan de sgleò air cùisean às dèidh làimh ge-tà is buaireadh ann nuair a bha luchd-taic bho gach taobh air ruith air a' phàirc.

    Dhearbh Poileas Alba gun deach fireannach a ghoirteachadh is thuirt iad gu bheil iad a' rannsachadh a' ghnothaich.

  18. Là math eile do Bhaile Ùr an t-Slèibhair fhoillseachadh aig 09:20 TSB 4 An Cèitean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Aithris air a' gheama eadar Baile Ùr an t-Slèibh is Cabar Fèidh is beachd bhon dà thaobh

    Tha Baile Ùr an t-Slèibh fhathast gun puing a leigeil seachad am-bliadhna às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Cabar Fèidh 3-0.

    Fhuair Brodie MacBheathain dà thadhal agus Iain Robinson an uairsin a' cur crìoch air cùisean anns na mionaidean mu dheireadh.

    Tha Ceann a' Ghiùthsaich san dàrna àite san lìog, sia puingean air cùl a' Bhaile Ùir ach air dà gheama nas lugha a chluich.

    Bha feasgar dùbhlanach aig Kings Disathairne is aca ri feitheamh chun nam mionaidean mu dheireadh airson nan tadhal bho Roddy Young is Tòmas Borthwick a rinn a' chùis air Caol-Gleann 2-0.

    Faochadh dha Ceann a' Ghiùthsaich is dòchas eile do Chaol-Gleann gun urrainn dhaibh a bhith farpaiseach aig an ìre seo.

    'S iad Camanachd an Òbain a tha san treas àite. Rinn iadsan a' chùis 1-0 air a' Ghearasdan Disathairne.

    Bha droch là aig na Sgitheanaich is iad a' call 2-0 ri Loch Abar ann am Port Rìgh.

    Tha na h-eileanaich fhathast gun phuing is fiù 's gun tadhal a chur fhathast san lìog is feum aca air faighinn gu dol cho luath 's a ghabhas.

    Sa gheama rinn Ceann Loch Seile 3-1 air Caol Bhòid ann an Taigh na Bruaich.

    Thòisich Cupa na Camanachd is Gleann Urchadain a' dèanamh adhartais 6-2 an aghaidh Cill Mhàilidh, is bha feasgar soirbheachail eile aig Inbhir Aora a bhuannaich 4-0 ann am Bòd.

    Bha na tadhail a' frasadh a-steach cuideachd san dà gheama eile: rinn Lòbhat a' chùis 9-0 air Inbhir Nis is 's e 7-2 a bh' ann do Cheilitich an Òbain an aghaidh Àird nam Murchan.

    Ann an Lìog Tuath 2 bha na Leòdhasaich aig an taigh 'son a' chiad uair am-bliadhna ach cha deach mar a bha iad ag iarraidh ann an Siabost far an do bhuannaich Loch Abar 3-1.

    Ann an iomain nam ban tha coltas ann aig an ìre seo gur iad Ceann Loch Seile as coltaiche ceann a' mhaide a chumail ri Bàideanach san lìog.

    Bha fìor dheagh là aig na Seilich Didòmhnaich is iad a' buannachadh 4-0 an aghaidh Loch Abair.

    Thàinig na tadhail bho Lorna NicRath (2), Maura NicCoinnich is Rhianna Kirk is Ceann Loch Seile san dàrna àite is fhathast gun geama a chall.

    Tha Loch Abar, a tha a' cur dìon air a' Phrìomh Lìog, mar-thà air dà gheama a chall -an aon àireamh a chaill iad fad an t-seusain an-uiridh - is bidh fios aca nach urrainn dhaibh mòran a bharrachd a leigeil às ma tha cothrom idir gu bhith aca an duais a chumail.

    Tha Bàideanach fhèin sa phrìomh àite, rinn iadsan a' chùis 1-0 air Gleann Urchadain le tadhal bho Jeanette NicGriogair.

    Tha na Sgitheanaich cuideachd gu mòr san rèis is thug iadsan droinneadh 9-1 air Inbhir Nis, Sarah Yoxon le ceithir dhiubh.