Èigniche poilis air a bhith fo chasaid roimhe - ach chaidh a' chùis a leigeil seachad

- Air fhoillseachadh
Tha e air tighinn am follais gun deach cur às leth fhir-poilis air an deach binn prìosain an t-seachdain seo gun robh e air ionnsaigh fheiseil a thoirt air boireannach bho chionn dusan bliadhna.
Chaidh deich bliadhna prìosain air Camshron Ros Diardaoin airson dithis bhoireannach èigineachadh ann an Steòrnabhagh agus bliadhnaichean de dhroch dhìol a dhèanamh air tèile ann an Inbhir Nis.
Ach a rèir aithrisean, chaidh leigeil leis cumail air ag obair mar fhear-phoileas airson sia bliadhna an dèidh mar a chaidh a shaoradh bho chasaid èigneachaidh roimhe.
Chaidh Ros, 39, agus a tha na athair do dhithis duine-chloinne, a chur far a dhreuchd rè ùine le Poileas Alba ann an 2014 nuair a chuir boireannach ann an Leòdhas às a leth gun robh i air a h-èigneachadh.
An dèidh dhaibh an fhianais a sgrùdadh, leig luchd-casaid a' chùis seachad ann an 2016, an là mus robh Ros gu bhith a' dol air beulaibh diùraidh, a rèir aithris.
Fhuair pròiseas smachdachaidh a rinn na poilis fhèin an t-oifigear neo-chiontach agus chaidh a chur air ais na dhreuchd.
A rèir aithris anns a' Phress and Journal, tha am boireannach a chuir a' chasaid às a leth a' faireachdainn gu deach ceartas "a dhiùltadh dhi".
Dh'innis i don phàipear "chan fhaigh mi dùnadh gu bràth" ri linn mar a làimhsich Poileas Alba a' chasaid an toiseach.
Chaidh Ros a chur far a dhreuchd rè ùine 'son an dàrna turas san Ògmhios 2022, agus boireannach eile air gearan gun robh e air droch dhìol fiosaigeach a dhèanamh oirre.

Fhuair rannsachadh tuilleadh chasaidean an aghaidh Ros, agus dithis bhoireannach ag innse gun do dh'èignich e iad ann an Steòrnabhagh ann an 2012 agus 2014.
Thuirt tè de na boireannaich gun robh e air ionnsaigh a thoirt oirre an dèidh dhaibh coinneachadh aig pàrtaidh san eilean eadar an Lùnastal 's an Dàmhair 2012.
Thuirt e gun do chùm Ros fodha i air leabaidh mus do dh'èignich e i, 's gun robh sin air a fàgail le trauma.
Dh'innis an dàrna boireannach gun do shuidh Ros air a muin, ga smachdachadh, mus do dh'èignich e i san Ògmhios 2014.
Thug e sreath de dhroch dhìol air boireannach eile ann an Inbhir Nis eadar an Dàmhair 2019 agus an t-Ògmhios 2022.
Chaidh Ros mu choinneimh na h-Àrd-Chùirte ann an Dùn Èideann sa Chèitean. Leig e dheth a dhreuchd nuair a chaidh fhaighinn ciontach air a' mhìos a chaidh.
Cha ghabhadh a' chiad chasaid èigneachaidh na aghaidh bho 2014 cleachdadh sa chùis sin ge-tà, ri linn gealltanais a thug luchd-casaid nuair a leig iad na casaidean seachad.
Chuala a' chùirt gun do leig iad seachad an còir casaidean a chur às leth Ros mun tachartas sin.
Binn prìosain do phoileasman a dh'èignich boireannaich an Steòrnabhagh
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
Poileas a dh'èignich dithis bhoireannach an Leòdhas sa phrìosan
- Air fhoillseachadh25 An Cèitean
Thuirt Poileas Alba gun do chuir iad fios air a' bhoireannach ann an 2017 mar fhreagairt air gearan a rineadh mun rannsachadh aca.
Ann am brath, thuirt an t-Àrd-Supt Helen Harrison gun do thabhainn am feachd leisgeul airson "fàiligidhean conaltraidh" timcheall air a' chùis ud.
"Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air mar a làimhsicheadh an gearan ud le Coimiseanair Ath-sgrùdaidh Ghearainnean nam Poileas (Pirc) ann an 2019, a fhuair gun deach trì de na ceithir ghearainnean a làimhseachadh gu ìre a bha math gu leòr, 's a mhol gun deadh sgrùdadh a bharrachd a dhèanamh air aon ghearan.
"Tha sinn ag aithneachadh moladh Pirc airson rannsachaidh a bharrachd air aon ghearan a chaidh a chumail suas. An dèidh crìochnachadh an sgrùdaidh seo, chuir sinn fios air an neach a rinn an gearan, agus air Pirc, mu cho-dhùnadh an sgrùdaidh sin ann an 2020."
Chaidh beachd iarraidh air Oifis a' Chrùin.