An srath sna Stàitean Aonaichte far an do mhair a' Ghàidhlig gu na 1930an

Dealbh de Stàit Charolina a TuathTùs an deilbh, Getty Images
LeRuairidh MacÌomhair
BBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Tha Abhainn Chape Fear a' ruith tro ear-dheas Charolina a Tuath, bho sgìre àrd a' Phiedmont gu ruige uisgeachan a' Chuain Shiair.

Air a bruaichean tha seann fhearainn nam planntachaidhean, bailtean beaga a stèidhich eilthrich Albannach 's Èireannach, agus togalaichean a bha uaireigin cudromach sa mhalairt a bhiodh a' dol eadar oirthir agus meadhan na stàite.

Tha seann bhaile Fayetteville agus baile-puirt Wilmington am measg an fheadhainn tro bheil an abhainn ag èaladh

B' ann san sgìre seo a chruthaich na mìltean de Ghàidheil a rinn eilthireachd gu Carolina a Tuath eadar an 18mh agus an 19mh Linn na coimhearsnachdan aca.

Chuir iad na sgilean a bh' aca gu feum mar thuathanaich, luchd-bùtha, luchd-ciùird is eile.

Thug iad leotha cuideachd cànan agus cultar nan sgìrean dham buineadh iad, agus cha b' fhada gus an robh sin ri chluinntinn agus ri fhaicinn air feadh nan sgìrean dhan deach iad.

Agus mhair an dìleab fada às dèidh dhaibh an dachannan ùra a ruighinn.

Abhainn Chape Fear a' ruith tro bhaile WilmingtonTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Abhainn Chape Fear a' ruith tro bhaile Wilmington

Bha na h-eilthirich a chaidh gu Carolina a Tuath mar phàirt dhe na mìltean a rinn an turas gu na colonaidhean Breatannach air oirthir a' Chuain Shiair ann an Aimeireaga bho na 1730an.

Cho math ri Cape Fear, bha Darien ann an Georgia agus am Mohawk Valley ann an New York am measg nan àitichean far an do stèidhich iad coimhearsnachdan.

Thàinig teaghlaichean agus uaireannan làn-choimhearsnachdan à leithid Earra-Ghàidheal, an t-Eilean Sgitheanach agus Muile.

Dhan fheadhainn às tràithe a thàinig, bha iad a' teicheadh bho shaoghal nan cinnidhean a bha a' sìoladh às, air an tarraing le na cothroman gus beatha nas fheàrr a dhèanamh thar a' chuain.

Nuair a thòisich Cogadh nan Seachd Bliadhna eadar Breatainn is an Fhraing ann an 1756, le Aimeireaga a tuath mar phrìomh làrach sa chogadh eadar-nàiseanta, thàinig na mìltean eile nan saighdearan sna Rèiseamaidean Gàidhealach.

Dithis shaighdearan Gàidhealach is iad ann am fèillidhean, agus a' glèidheadh armachdTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh grunn rèiseamaidean Gàidhealach a thogail san 18mh Linn agus chaidh iad a dh'Aimeireaga

Tha an Dtr Matthew Dziennik na eòlaiche air eachdraidh nan saighdearan Gàidhealach ann an Aimeireaga.

Tha e a' deanamh dheth gun do shabaid timcheall air 12,000 saighdear Gàidhealach dha Ìmpireachd Bhreatainn ann an Aimeireaga a Tuath eadar 1756 agus 1783.

Tha e ag ràdh gun robh tarraing sònraichte ann an Aimeireaga dha na Gàidheil aig an àm, gu seachd-àraid leis gun robh e mar chothrom dhaibh sealbh fhaighinn air fearann, an dara cuid thall no le gealltanas air sin an Alba airson an cuid seirbheis.

"'S ann air leth tarraingeach a bha Aimeireaga, mar sheòrsa de Thìr a' Gheallaidh," thuirt e.

"Tha fearrann ann, agus tha fearann a' ciallachadh neo-eisimeileachd seach a bhith an urra ri daoine eile.

"Rud mòr a bha sin airson daoine a bhuineadh do choimhearsnachdan na tuaithe."

"Bha fìrinn na cùise gu math duilich dha na saighdearan a chaidh ann. Bhàsaich mun treas cuid dhiubh agus cha do thill ach mu aonan às gach còignear."

Seòras Washington air muin eich ann an New York an 1783Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Lean Cogadh Saorsa Aimeireagaidh bho 1775 gu 1783

Nuair a thòisich Cogadh Saorsa Aimeireagaidh ann an 1775, bha timcheall air 20,000 Gàidheal a' fuireach ann.

Bha an cogadh eadar Breatainn agus na 13 colonaidhean air nochdadh ri linn feirge ann an Aimeireaga mu chìsean is an smachd a bh' aig Lunnainn.

Ged a shabaid cuid dhe na h-eilthirich tràth air taobh nan reubaltach, sa mhòr-chuid chur na Gàidheil taic ris a' Chrùn Bhreatannach.

Tha e air iongnadh a chur air cuid gun robh teaghlaichean bho dhualchas Seumasach deònach sin a dhèanamh, ach tha rannsachadh an Dtr Dziennik air sealltainn gun robhas ga fhaicinn mar rud a bha a' dìon chòraichean fearainn agus chothroman eaconamaigeach a bh' air ùr-chosnadh.

Seann dhealbh dubh is geal de dh'Abhainn Chape FearTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Abhainn Chape Fear timcheall air 200 mìle de dh'fhaid

Aig àm Cogadh na Saorsa bha timcheall air 10,000 Gàidheal a' fuireach ann an coimhearsnachdan Chape Fear ann an ear-dheas Charolina a Tuath.

Bha bana-ghaisgeach nan Seumasach, Flòraidh Dhòmhnallach, nam measg, ged a dh'fhàg i fhèin agus an duine aice, Ailean, as dèidh a' chogaidh is iad air taic a chur ri Riaghaltas Bhreatainn.

Thàinig barrachd is barrachd Ghàidheal gu Carolina a Tuath ro dheireadh na h-18mh agus suas gu meadhan na 19mh Linne, agus bha làn-bhailtean is gu dearbh sgìrean ann far an robh Gàidhlig mar chànan an t-sluaigh.

Stèidhich iad eaglaisean agus chaidh leabhraichean diadhaidh Gàidhlig fhoillseachadh san sgìre.

Tha an Dtr Mìcheal Newton air rannsachadh mòr a dhèanamh air eachdraidh nan Gàidheal san sgìre.

"Mar bu trice thàinig iad gu Wilmington oir bha port nan long ann," thuirt e.

"Bhiodh iad a' tighinn cho fada tuath ri Fayetteville an-diugh, ach b' e Baile nan Caimbeulach a bh' air aig an àm.

"'S i an sgìre srath Chape Fear, agus san là an-diugh canaidh daoine na Sandhills rithe.

"'B e siud a' choimhearsnachd a bu mhotha anns an robh na Gàidheil."

Seann dhealbh a' sealltainn dhaoine a' togail a' chotainTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bha còrr air 300,000 tràill ann an Carolina a Tuath nuair a thòisich Cogadh Sìobhalta Aimeireagaidh

Bha tràilleachd anns na Stàitean aig an àm agus bha Gàidheil am measg an fheadhainn aig an robh tràillean.

Ri linn seo bha cuid de dhaoine dubh bho dhualchas Afraganach a bhiodh a' bruidhinn cànan an fheadhainn a chùm iad am bruid.

Ach tha an Dtr Newton ag ràdh gu bheil an rannsachadh aigesan air sealltainn gun do thog cuideachd daoine dubha nach robh nan tràillean a' Ghàidhlig, mar a rinn càch cuideachd, leis gum b' i cànan na sgìre.

"Tha sgeulachd gu math annasach mu dhuine dubh air an robh Tòmas a bha ag obair air na h-aiseagan a bha a' giùlain bathair air Abhainn Chape Fear," thuirt an Dtr Newton.

"Bha Gàidhlig aig an duine seo agus b' fheàrr leis a bhith còmhla ris an sgioba aig an robh Gàidhlig.

"Bha an cànan aige, bha òrain aige, bha dannsa aige agus bha esan a' cumail a-mach gum b' e Gàidheal a bh' ann.

"Tha sin ag innse dhut cho làidir 's a bha a' Ghàidhlig agus gun robh daoine a' faicinn a' chànain agus an dualchais mar chairt-aithne."

Dealbh de bhlàr ann an cogadh sìobhalta Aimeireagaidh, le brataich an dà thaobh gan taisbeanadhTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bhàsaich timcheall air 700,000 duine ann an cogadh sìobhalta Aimeireagaidh

Bha ceist na tràilleachd aig cridhe cogadh sìobhalta Aimeireagaidh, a thòisich ann an 1861. Air a shabaid eadar feachdan an Aonaidh bho na stàitean mu thuath agus arm nan Confeadaratach bho stàitean a' Chinn a Deas, Carolina a Tuath nam measg, b' e is dòcha an tachartas a bu bhuadmhoire ann an eachdraidh na dùthcha.

Cleas a' Chogaidh Mhòir dhan Ghàidhlig ann an cuid de choimhearsnachdan Gàidhealach, bha an cogadh sìobhalta mar bhuille-bàis dhan chànan ann an àitichean far an robh i fhathast ga bruidhinn an Carolina a Tuath.

"Bha làmh an uachdair aig a' Bheurla co-dhiù," mhìnich an Dtr Newton.

"Ach saoilidh mi mar thoradh air a' chogadh gun robh daoine a' gabhail ris an sgaradh. Agus bha daoine a' smaoineachadh nam biodh tu airson làmh an uachdair a bhith agad agus sochairean a bhith agad, dh'fheumadh tu gabhail ri uachdranachd luchd na Beurla."

Seann togalach ann an Carolina a TuathTùs an deilbh, Getty Images

Ged a thàinig crìonadh mòr, mhair a' Ghàidhlig ann an cuid de dh'oiseanan san stàit.

Ann an 1901, nochd an aithris seo ann am pàipear-naidheachd ionadail an 'Statesville Record & Landmark'.

If a Scotch Highlander were to visit a certain section of Harnett county he would be tempted to believe that he was still in his own country. The Gaelic language is spoken by the people of the section in question almost as much as the English. It is said that when the Cape Fear section was first settled by the Scotch the English language was seldom heard. Parents in this particular section taught it to their children, consequently it is still in use.

Chan eil fios le cinnt cuin a bhàsaich an neach-labhairt Gàidhlig fileanta mu dheireadh ann an Carolina a Tuath.

Tha aithris pàipear-naidheachd bho 1926 a' bruidhinn air tè Sìne Cheanadach mar aon dhen luchd-labhairt mu dheireadh.

Thuirt Calum Seathach gun robh antaidh dha, Flòraidh, a bhàsaich ann an 1931, fileanta sa chànan.

Bha an teaghlach aca air tighinn à Diùra bho thùs tràth san 19mh Linn.

Ann am prògram aithriseach bho 1976 a lorgadh bho chionn ghoirid ann an tasglann a' BhBC, bha cuimhne aig Calum fhathast air cainnt an teaghlaich.

Fo-thiotal,

Bho 'Valley of the Scots' (1976)

Tha an clàradh seo mar mhac-talla de chultar Ghàidhealach a bha le àite bunaiteach ann an eachdraidh Charolina a Tuath, agus a chur ri sgeulachd mhòr, iomadh-fhillte nan Stàitean Aonaichte.