Cha ghairm ministearan a-steach co-dhùnadh CnES faisg air 100 dachaigh ùr a cheadachadh am Mealabost

- Air fhoillseachadh
Tha ministearan Albannach ag ràdh nach gairm iad a-steach co-dhùnadh Chomhairle nan Eilean Siar 94 taigh ùr a cheadachadh faisg air port-adhair Steòrnabhaigh ann an Leòdhas.
Tha Buidheann Dìon na h-Àrainneachd an Alba (SEPA) air cuir an aghaidh nam planaichean airson an leasachaidh, ochd acairean de mheud, ann am Mealabost agus dragh orra mu thuiltean.
Thug a' chomhairle cead-dealbhachaidh dhan sgeama anns a' Ghiblean fo chùmhnantan sònraichte.
Thèid na taighean a thogail ann an diofar phàirtean.
Fon lagh, tha beachd oifgieil aig SEPA air leasachaidhean dealbhachaidh.
Dh' fhaodadh ministearan a bhith air sgrùdadh a bharrachd iarraidh air na molaidhean.
Tha dùil gum bi na taighean an toiseach nan dachaighean don luchd-obrach a bhios a dhìth airson Hub Leòdhais SSEN, ma 's e agus gun tèid iad air adhart.
Nuair a bhios an leasachadh sin deiseil, bidh a' mhòr-chuid de na taighean rim faighinn air prìs reusanta do dhaoine anns an sgìre tro cho-bhanntachd eadar CalMax agus a' bhuidheann-taigheadais, Tighean Innse Gall.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh5 An t-Samhain 2025
