Naidheachdan 11:00m

Prìomhaire

Tha Sir Keir Starmer air innse gum bi e a' fàgail a dhreuchd mar cheannard nan Làbarach agus mar Phrìomhaire. A' bruidhinn aig Sràid Dhowning na bu thràithe sa mhadainn, thuirt e gun robh e air èisteachd ri beachd bhon phartaidh aige nach b' e an duine ceart airson an toirt dhan ath thaghadh choitcheann. Bidh cothrom aig daoine a dh'iarradh seasamh airson a dhol na àite an ainmean a chur air adhart bhon 9mh den Iuchar, le dùil gum bi am pròiseas sin dèanta mus biodh a' phàrlamaid a' tilleadh às dèidh làithean-saora an t-samhraidh anns an t-Sultain. Dh'fhaodadh prìomhaire ùr a bhith ann gu math nas luaithe na sin mura bi farpais a dhìth airson ceannard ùr a thaghadh. Leanaidh Sir Keir mar Phrìomhaire co-dhiù gum bi ceannard ùr ann.

Bidh Andy Burnham, an duine as coltaiche a bhith mar cheannard Làbarach agus mar Phrìomhaire a-nis, a' gabhail a bhòidean mar bhall-pàrlamaid an-diugh fhèin fhèin, às dèidh fo-thaghadh Makerfield a bhuannachadh an t-seachdain seo chaidh.

Swinney

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, John Swinney, gun robh e a' cur a dhùrachdan pearsanta chun a' Phrìomhaire aig an àm seo, ach gun robh e seachad air an àm cheart airson Sir Keir a bhith a' fàgail a dhreuchd. Tha ceannard a' phartaidh Reform UK, Nigel Farage, air iarraidh gum biodh taghadh coitcheann ann sa bhad. Thuirt Ceannard nan Lib Deamach, Sir Ed Davey, gun robh muinntir Bhreatainn sgìth de dhotaman de phrìomhairean a bhith a' cur char gun sguir.

Fo-thaghaidhean

Bidh an dithis bhall-pàrlamaid ùr Albannach cuideachd a' gabhail am bòidean an-diugh, mar a bhios Andy Burnham. Bhuannaich Douglas Lumsden fo-thaghadh ann an sgìre Obar Dheathain a Deas dha na Tòraidhean, às dèidh dha Stephen Flynn aig an SNP àite fhaighinn ann am Pàrlamaid na h-Alba. Ghlèidh an SNP an sgìre eile a bha acasan co-dhiù, Obar Brothaig agus Port Bhruachaidh, le Lara Bird air a taghadh an-sin.

Teas

Tha Oifis na Sìde air an ìre de rabhadh ron aimsir theth a bhios ann an t-seachdain seo a chur suas gu ìre dhearg. Bidh sin an sàs airson meadhan agus ceann a deas Shasainn agus a' Chuimrigh Diciadain agus Diardaoin. Thuirt Oifis na Sìde gum biodh dùil ri teas agus brùthainneachd aig ìre a bhiodh le buaidh air a' mhòr-shluagh. Tha Buidheann Teàrainteachd Slàinte na Rìoghachd Aonaichte cuideachd air rabhadh dearg a chur ma sgaoil airson sgìrean de Shasainn agus rabhaidhean orains an sàs ann an sgìrean eile de Shasainn cuideachd.

Banca

Tha am banca mu dheireadh a tha fosgailte ann am meadhan Earra-Ghàidheal a' dùnadh an-diugh. A rèir Bhanca na h-Alba, tha uiread de dhaoine a' cleachdadh sheirbheisean air loidhne a-nis 's nach urrainn dhaibh tuilleadh am banca ann an Ceann Loch Gilb a chumail fosgailte tuilleadh.