An stèidhiche mu dheireadh a' fàgail Buidheann Lùth-chleasachd Uibhist a Tuath

Tormod 'Curly' MacLeòid
LeShona NicDhòmhnaill
BBC NaidheachdanAg aithris àUibhist
  • Air fhoillseachadh

Tha an duine mu dheireadh de cheathrar a thòisich Buidheann Lùth-chleasachd Uibhist a Tuath air a dhreuchd a leigeil dheth.

Tha còrr is 30 bliadhna ann bho bha Tormod MacLeòid, no Curly mar a dh'aithnichear e, am measg na stèidhich a' bhuidheann agus tha e air a bhith a' dol bho neart gu neart bhon uairsin.

A rèir Thormoid, chaidh a chur a dhol airson cur-seachad a thoirt dhan chloinn.

"Cha robh mòran ann dhen fheadhainn òga aig an àm sin idir," thuirt e.

"Taobh spòrs no taobh ruith no rudan mar sin."

Thòisich a' bhuidheann a' fàs agus aig amannan bhiodh mu 100 duine-cloinne a' trèanadh ann gach seachdain - le cuid dhuibh a' dèanamh suas ri còig seiseanan.

Tony Wesley
Fo-thiotal an deilbh,

'S e Buidheann Lùth-chleasachd Uibhist a Tuath as coireach gun deach Tony Wesley an sàs san spòrs

'S iomadh neach a fhuair buannachd às a' chluba thar nam bliadhnaichean.

Bha Tony Wesley a' cluiche ball-coise mus do thòisich e a' dol gu Buidheann Lùth-chleasachd Uibhist a Tuath agus 's e an cluba a thug air rudeigin eadar-dhealaichte fheuchainn.

Bhon uairsin tha Tony air farpais aig Geamannan nan Eilean is ann am farpaisean oilthighe aig ìre nàiseanta.

"'S e àrainneachd riatanach a bh' ann, a phut mi a dh'ionnsaigh lùth-chleasachd," thuirt e.

"Cha robh fhios agam air mòran mu dheidhinn mus deach mi dhan chluba.

"Dh'atharraich sin mo shealladh gu mòr."

Bha na cleachdaidhean-trèanaidh nan cuideachadh mòr dha Tony.

Thuirt e: "Thug e dhomh tòrr a bharrachd fòcais agus tuigse na b' fheàrr air dè dìreach a dh'fheumas tu a dhèanamh.

"Nan ruitheadh tu rèis, gheibheadh tu uair agus dh'fheumadh tu a bhith na bu luaithe nan uair sin an ath thuras."

Aon uair 's gun robh a' bhuidheann stèidhichte, thòisich iad a' farpais air feadh na h-Alba.

Cha robh iad soirbheachail an toiseach a rèir Thormoid, ach abair thusa gun do dh'atharraich sin.

"'S dòcha 10 bliadhna às dèidh sin, bha sinn a' faighinn a h-uile duais," thuirt e.

'S iomadh duais a tha buill air buannachadh tro na bliadhnaichean agus tha an trèanadh a fhuaireas ann an Uibhist air a bhith na bhun-stèidh làidir do chuid a chùm orra le lùth-chleasachd air tìr-mòr.

Tony Wesley agus an còrr dhen sgioba bho Oilthigh Obar Dheathainn, a bhuannaich an rèis relay aig Farpaisean Oilthighe Bhreatainn
Fo-thiotal an deilbh,

Tony Wesley agus an còrr dhen sgioba bho Oilthigh Obar Dheathain, a bhuannaich an rèis relay aig Farpaisean Oilthighe Bhreatainn

Tha Tormod a' fàgail Buidheann Lùth-chleasachd Uibhist a Tuath ann an deagh òrdugh.

"Tha e làidir. Tha sinn a' coimhead air cuideigin fad an t-siubhail airson pìosan a dhèanamh ach tha mu chòignear no sianar aig a' chluba an-dràsta."

A rèir Tony, bidh dileab mhaireannach aige.

"Bha e an-còmhnaidh ann agus bha spèis mhòr aig daoine dha," thuirt e.

"Nuair a bhiodh tu a' dol gu seiseanan trèanaidh air oidhcheannan geamhraidh agus bhiodh esan ann, bha thu a' faireachdainn mar phàirt dhen sgioba.

"Bha deagh bhuaidh aige an-còmhnaidh - ormsa agus air a' chluba."

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte