Chlach-mhìle do Thaigh-tasgaidh Dualchais Ghleann Comhann

- Air fhoillseachadh
Tha obair-leasachaidh air tòiseachadh air Taigh-tasgaidh Dualchais Ghleann Comhann ann an Loch Abar.
Cosgaidh an obair £3m uile gu lèir.
Thèid an taigh-tasgaidh a leudachadh agus am measg nam planaichean, tha àite-taisbeanaidh ùr anns an urrainnear smachd a chumail air gnàth-shìde an t-seòmair, bùth agus taighean-beaga.
Thathas cuideachd an dùil leasachadh a thoirt air àite na Gàidhlig.
Tha an taigh-tasgaidh stèidhichte am broinn dà thaigh-tughaidh agus chaidh a stèidheachadh anns na 1960an, le boireannaich às an sgìre a sheas air beulaibh dòsairean gus nach dèidheadh na taighean a leagail.
Airgead airson Taigh-Tasgaidh Ghlinne Comhainn. Bhideo, 00:03:03
- Air fhoillseachadh11 Am Faoilleach 2023
Buinn 'Murt Ghleann Comhann' rim faicinn an taigh-tasgaidh na sgìre
- Air fhoillseachadh10 An Giblean
Tha còrr is 6000 rud ri fhaicinn san taigh-tasgaidh, leithid stuthan bho linn nan Seumasach, bho àm a' Chogaidh Mhòir agus àm an Dàrna Cogaidh.
A rèir Stiùiriche Pròiseact an Taigh-tasgaidh, Daibhidh Rounce, 's e togail mòr a th' ann gu bheil an obair air tòiseachadh.
Thuirt e: "Tha luchd-togail air a bhith a-staigh.
"Tha iad air a bhith a' toirt air falbh nan taisbeanaidhean agus air an talamh ullachadh airson tòiseachadh a' leudachadh an taigh-tasgaidh.
Tha sinn air bhioran."
Tha dùil gum fosgail an Taigh-tasgaidh às ùr aig àm na Càisge ann an 2027.