17 laigsean an seirbheisean slàinte-inntinn an Ospadal nan Eilean Siar

- Air fhoillseachadh
Tha ìmpidh air NHS nan Eilean Siar piseach a thoirt air 17 roinnean ann an seirbheisean slàinte-inntinn aig prìomh ospadal na sgìre ann an Steòrnabhagh.
Chaidh luchd-sgrùdaidh bho Leasachadh Cùram-Slàinte na h-Alba gu uàrd leighis-inntinn aig Ospadal nan Eilean Siar air an 17mh den Ghearran.
Rinn an aithisg, taobh a-muigh aca moladh air dà roinn, ach thuirt iad gun robh leasachadh a dhìth air roinnean eile - beatha-shàbhaladh èiginneach agus trèanadh gus dèiligeadh ri fòirneart agus troimh-chèile nam measg.
Tha NHS nan Eilean Siar air plana-gnìomha a chur an sàs airson coinneachadh ri na chaidh iarraidh orra.
Fhuair aithisg an luchd-sgrùdaidh bho chionn dà bhliadhna gun robh grunn laigsean sa chùram a thathas a' toirt seachd aig Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh.
Luchd-sgrùdaidh le dragh mun chùram aig Ospadal nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh12 An Dùbhlachd 2024
Bhruidhinn an luchd-sgrùdaidh ri luchd-obrach agus euslaintich agus rinn iad measadh air poileasaidhean agus dòighean-obrach.
Rinn iad moladh air dòighean-obrach gus dèiligeadh ri troimh-chèile agus airson cumail ri sàbhailteachd, nam measg smachd a chumail air sgaoileadh galair.
Bha moladh cuideachd aca do cheisteachan a tha ga dheasachadh airson beachdan euslainteach mun chùram aig an Aonad Slàinte-Inntinn Èiginneach a thrusadh.
Thuirt Àrd-Neach-Sgrùdaidh Leasachadh Cùram-Slàinte na h-Alba, Donna NicGIlleEathain: "Bha an luchd-obrach a' toirt seachad cùraim airson iomagain a lùghdachadh agus a chùm maith sunnd.
"Bha luchd-obrach a' cumail suas le trèanadh riatanach air-loidhne ach bha laigsean san trèanadh phragtaigeach, nam measg beatha-shàbhaladh èiginneach agus mar a dhèiligeas iad ri fòirneart agus dol a-mach bagairteach."
Dh'aithnich iad na dùbhlain ann an sgìrean dùthchail is eileanach ann a bhith a' fastadh agus a' cumail luchd-obrach sgileil.
Bha na dùbhlain an cois a bhith a' faighinn leapannan ann an ospadalan air tìr-mòr do dh'euslaintich le feumalachdan toinnte agus a tha feumach air cùram eòlach na chunnart mòr, thuirt an aithisg.
"Cothrom"
Thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil iad a' cur fàilte air an aithisg is an cothrom a tha na lùib gnothaichean a leasachadh.
"Tha sinn toilichte gu bheil an aithisg ag aithneachadh cho proifeiseanta 's a tha an luchd-obrach againn ann an roinn na slàinte-inntinn agus a' cho-fhaireachdainn a th' aca," thuirt àrd-oifigear a' bhùird, Gòrdan Jamieson.
"Tha dùbhlain a bharrachd an cois cùram aig àrd-ìre a thoirt seachad ann an eilean is tha mi moiteil às gu bheil an sgioba againn a' leantainn orra ri seirbheis thaiceil do dh'euslaintich.
"Tha sinn a' gabhail ris na puingean san aithisg is tha sinn a' dèanamh adhartais ann a bhith gan coileanadh.
"Tha an obair sin air tòiseachadh is tha sinn airson seirbheisean a leasachadh dha na daoine air a bheil sinn a' frithealadh."