Fear an grèim an dèidh droch thubaist air an A9

- Air fhoillseachadh
Chaidh fireannach a chur an grèim co-cheangailte ri tubaist air an A9 a dh'fhàg ceathrar anns an ospadal.
Thachair an tubaist, san robh ceithir carbadan an sàs, Dihaoine eadar Baile Ùr an t-Slèibh agus Dail Chuinnidh.
Chaidh na seirbheisean èiginneach a ghairm mu 2:50f.
Thuirt na Poilis gun robh na carbadan a leanas anns an tubaist - Toyota Hilux geal, Seat Ibiza gorm, BMW 3 series dubh agus Volvo XC60 gorm.
Chaidh dràibhear an Seat, fireannach 24, a sgèith gu Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis.
Thugadh boireannach a bha còmhla ris anns a' chàr, aois 23, gu Ospadal Oilthigh na Bànrigh Ealasaid an Glaschu.
Chaidh fireannach, 51, is fireannach eile aois 42, a thoirt dhan ospadal an Inbhir Nis cuideachd.
Bha an rathad dùinte airson faisg air sia uairean a thìde fhad 's a bha sgrùdadh ga dhèanamh.
Chan eil fhios aig an ìre seo dè an suidheachadh sa bheil an fheadhainn a thugadh dhan ospadal.
Chuir na Poilis fireannach aois 27 an grèim co-cheangailte ris na thachair.
"Tha rannsachadh a' leantainn feuch dè dìreach a thachair," thuirt an Sgt Chris Donaldson.
"Dh'iarrainn air duine sam bith a chunnaic an tubaist, no a bha a' siubhal san sgìre aig an àm 's aig a bheil 's dòcha dealbhan dascham, fios a chur oirnn., taobh a-muigh"