BnaG ag ràdh gun tèid taic is seirbheisean am meud an Sgìrean Cànain

An t-Oll Rob Dunbar
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an t-Oll Rob Dunbar na Chathraiche air Bòrd na Gàidhlig

  • Air fhoillseachadh

Bu chòir gun tèid seirbheisean, taic is iomairtean Gàidhlig am meud anns na Sgìrean Cànain Sònraichte a mhol Achd nan Cànanan Albannach, a rèir a' chathraiche ùir aig Bòrd na Gàidhlig.

Bha an t-Oll Rob Dunbar a' bruidhinn ri BBC Naidheachdan is e air tòiseachadh san obair gu h-oifigeil nas tràithe air a' mhìos.

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba san Fhaoilleach gur e an cathraiche ùr a bhiodh ann is e a' dol an àite Màiri NicAonghais.

Bha a' Bh-Ph NicAonghais air a bhith san obair bho 2020.

Tha an t-Oll Dunbar air a dhol dhan dreuchd ann an linn ùr ann an leasachadh na Gàidhlig is Achd nan Cànanan Albannach air a dhol tro Phàrlamaid na h-Alba an-uiridh.

Tha pìosan den reachdas air a dhol beò mar-thà ach thathar ag obair air pàirtean eile fhathast, nam measg Sgìrean Sònraichte Cànain, far am bi innleachdan is structaran ùra ann feuch suidheachadh a' chànain a neartachadh.

Tha ceistean ann fhathast ciamar a dh'obraicheadh na sgìrean seo, a bharrachd air càite dìreach am bi iad, ach tha dùil gum faodadh iad a bhith air an ainmeachadh ron t-samhradh 2027.

Fo-thiotal a’ bhidio,

An t-Oll Rob Dunbar a' bruidhinn ri Karen Elder

Thuirt an t-Oll Dunbar gum feumar feitheamh airson nan inbhean a bhios an cois Achd nan Cànanan Albannach a thaobh nan Sgìrean Cànain is e gu bheil dùil riutha sin nas fhaide air a' bhliadhna.

Tha e ag ràdh cuideachd gum feum am Bòrd fhèin meòrachadh air dè dh'iarradh iad às na sgìrean ùra.

Thuirt e ge-tà, gu bheil e den bheachd gun tig leasachadh is cothroman gu leòr nan lùib.

"Anns na sgìrean, eadar planaichean reachdail Ghàidhlig agus na h-inbhean cànain, tha mi a' smaointinn gum bi barrachd ann a thaobh sheirbheisean tro mheadhan na Gàidhlig, barrachd ann mu thaic do dh'iomairtean aig ìre na coimhearsnachd, agus eile.

"Mar sin tha mi a' smaointinn gum bi gu leòr anns an lagh a tha ri thighinn nuair a bhios na h-inbhean agus cuideachd nuair a bhios na planaichean reachdail Ghàidhlig a tha a' gabhail a-steach nan Sgìrean Sònraichte Cànain, gum bi fada a bharrachd ri fhaicinn an uair sin."

Thuirt an t-Oll Dunbar cuideachd gu bheil Bòrd na Gàidhlig ag obair gu dlùth le buidhnean aig ìre na coimhearsnachd is e a' togail air obair a tha a' dol mar-thà air planaichean coimhearsnachd.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil na planaichean coimhearsnachd gu math cudromach oir bho seo a-mach, anns na planaichean reachdail Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig ann an Sgìrean Sònraichte Cànain, bidh sinn a' feuchainn ri ceanglaichean a dhèanamh eadar na planaichean reachdail Gàidhlig agus an uairsin miann na coimhearsnachd, a tha a' tighinn an àird bho na planaichean coimhearsnachd a tha daoine ag obair orra."