Dunadh banca gus Ceann Loch Gilb "fhàgail na fhàsach"

Maggie Dodd agus Ina Callander
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Magaidh Dodd (clì) air taic fhaighinn bho a caraid Ina Callander is i gu math troimhe-chèile mu dhùnadh Banca Chinn Loch Gilb

LeHayley JarvisBBC ScotlandagusEilidh ChandlerBBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Tha daoine ann am Meadhan Earra-Ghàidheal ag ràdh gu bheil dragh is iomagain ann is am banca mu dheireadh san sgìre a' dùnadh.

Tha Banca na h-Alba ann an Ceann Loch Gilb a' dùnadh a dhorsan gu h-oifigeil Diluain.

'S ann san Òban a tha am meur as fhaisge a-nise.

Thuirt Buidheann Bancaidh Lloyds, leis a bheil Banca na h-Alba, nach fhiach dhaibh meur Chinn Loch Gilb a chumail fosgailte is gu bheil a' mhòr-chuid den luchd-cleachdaidh aca a-nise a' cleachadh sheirbheisean air-loidhne.

Tha meur Chinn Loch Gilb am measg 28 aig Banca na h-Alba a tha a' dùnadh am-bliadhna.

Nam measg tha cuideachd am banca ann am Baile a' Mhanaich, far a bheil iomairt air a bhith ann feuch am banca a shàbhaladh.

Dìreach mar a tha ann am Beinn na Faoghla, tha mì-thoileachas mòr ann an Ceann Loch Gilb cuideachd.

Tha Magaidh Dodd, a tha 84, air a bhith a' cleachdadh Banca na h-Alba sa bhaile bho 1976.

"Cha b' urrainn dhomh cadal nuair a chuala mi an naidheachd seo," thuirt Magaidh.

"Cha robh fios agam dè dhèanainn. Tha tòrr sgamaireachd a' dol agus tha an t-eagal orm gum brùth mi air a' phutan cheàrr".

Tha Magaidh a-nise a' faighinn taic bho a caraid Ina Callander, 83, 'son a bhith a' bancaireachd aig Oifis a' Phuist san sgìre.

"Bha mise a' cleachdadh Oifis a' Phuist fad bhliadhnaichean," thuirt Ina.

"Bha Magaidh troimhe-chèile is chuidich mi i - sin mar a tha caraidean."

Ann am Beinn na Faoghla tha oidhirp ann hub bancaidh a stèidheachadh - ionad far a bheil diofar bhancaichean a' tighinn còmhla gus seirbheisean a thabhainn.

A rèir nan riaghailtean a th' ann an-dràsta, feumaidh 10,000 neach a bhith ann an sgìre 'son hub bancaidh fhaighinn.

Cairistìona Nic an t-Saoir
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Cairistìona Nic an t-Saoir ag ràdh gun toir dùnadh a' bhanca droch bhuaidh air Meadhan Earra-Ghàidheal

Tha dòchas ann gun atharraich sin mar phàirt de dh'ath-sgrùdadh aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air seirbheisean bancaireachd aghaidh ri aghaidh.

Tha dùil ri aithisg san Dàmhair.

Rinn Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid tagradh 'son hub ann an Ceann Loch Gilb cuideachd, ach chaidh a dhiùltadh.

Thuirt a' bhuidheann Link gu bheil innealan ATM gu leòr san sgìre, a thuilleadh air Oifis a' Phuist.

Tha Cairistìona Nic an t-Saoir a' fuireach faisg air làimhe ann an Àird Driseig.

"Tha fòn-làimhe agam is tha mi eòlach air coimpiutairean is rudan mar sin, ach gu leòr de na seann daoine an seo, chan eil iad eòlach air sìon den sin is cuiridh e dàil mhòr orra.

Tha Cairistìona den bheachd gur e buille eile dhan sgìre a th' ann an dùnadh a' bhanca san fharsaingeachd.

"Nuair a thàinig sinne an seo an toiseach bha trì bancaichean ann.

"Nuair a thig thu ga àite air choireigin is chì thu gu bheil banca, tha thu a' faireachdainn gu bheil beagan beartais san àite.

"Ma tha thu ann am baile is chan eil sìon mar sin ri fhaicinn, bidh e a' fàgail air a' cheann thall gu bheil am baile na fhàsach".

Thuirt Lloyds gu bheil luchd-cleachdaidh saor dèiligeadh le banca san dòigh as fheàrr leotha fhèin, 's gu bheil barrachd dhòighean ann air sin na riamh roimhe.

A bharrachd air app a' bhanca, thuirt iad, tha Oifis a' Phuist ann agus làraichean PayPoint.

"Tha sùbailteachd aig an luchd-cleachdaidh againn na seirbheisean againn a chleachdadh àite sam bith is àm sam bith a thogras iad," thuirt iad.