Cuireadh do dh'àrd-oifigear Lloyds tadhal air Beinn na Faoghla

Banca na h-Alba ann am Baile a' Mhanaich
LeShona NicDhòmhnaill
Ag aithris àUibhist
  • Air fhoillseachadh

Tha muinntir Bheinn na Faoghla ag iarraidh air àrd-oifigear Bhanca Lloyds a dhol ann a dh'fhaicinn an t-seòrsa buaidhe a bheir dùnadh meur de Bhanca na h-Alba ann am Baile a' Mhanaich.

'S ann le Banca Lloyds a tha Banca na h-Alba agus tha iad air planaichean fhoillseachadh gus meur Bheinn na Faoghla a dhùnadh san Iuchar.

Fàgaidh sin dìreach aon bhanca ann an Uibhist gu lèir - Banca Rìoghail na h-Alba ann an Loch Baghasdail, nach eil fosgailte ach dà là san t-seachdain.

Tha sin 26 mìle air falbh bho Bhaile a' Mhanaich, agus nas fhaide buileach, 52 mìle, à Beàrnaraigh sa cheann a tuath.

Tha bhana a' bhanca sin cuideachd a' dol air feadh Uibhist dà là san t-seachdain.

Chuir 1532 duine an ainm ri athchuinge an aghaidh nam planaichean, 's chaidh sin a chur gu àrd-oifigeir Bhanca Lloyds, Charlie Nunn.

Sin mun dàrna leth de dh'inbhich ann an Uibhist air fad.

Cuide ris an athchuinge, chaidh fiosrachadh nas fharsainne mun aimsir agus cho tric 's a bha aiseagan air an cur dheth a chur thuige.

Thug iad cuireadh dha tighinn a Bheinn na Faoghla a chluinntinn bho mhuinntir Uibhist mun t-suidheachadh sam fàgadh dùnadh a' bhanca iad fhèin agus gnothachasan ionadail.

Cha chualas freagairt fhathast bho Bhanca Lloyds.

Dhearbh ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Pòl Steele, gum biodh e deònach coinneachadh ris nan tigeadh e.

Tha iomairt a' leantainn gus coinneamh phoblach a chur air dòigh mun chùis uaireigin an ath-mhìos.

Hub

Thuirt BP nan Eilean Siar gu bheil e air a bhith a' conaltradh ri Banca na h-Alba is gu bheil e soilleir nach atharraich iad am beachd a thaobh banca Bheinn na Faoghla a dhùnadh.

Tha Torcuil Crichton a' leantainn le iomairt eile ge-tà, feuch hub bancaidh a stèidheachadh ann an Uibhist - ionad far a bheil diofar bhancaichean a' tighinn còmhla gus seirbheisean a thabhainn.

Thuirt e gu bheil cnapan-starra mu choinneamh seo cuideachd.

"Tha na h-àireamhan a dh'fheumas tu 'son hub bancaidh, a rèir nan riaghailtean, feumaidh tu 10,000 neach san sgìre," thuirt Mgr Crichton.

"Nise ann an Uibhist chan eil ach 4,500 neach.

"Feumaidh sinn na riaghailtean 'son hubaichean bancaidh atharrachadh agus tha mi a' togail na ceist le ministearan agus leis na bancaichean."