Am Baile Ùr fhathast aig a' mhullach
Neartaich Baile Ùr an t-Slèibh an suidheachadh aca aig mullach na Prìomh Lìge ann an iomain nam fear air an deireadh-sheachdain nuair a rinn iad a' chùis air na Sgitheanaich 3-0 ann am Port Rìgh.
Chuir Iain Robinson na trì dhiubh is còig aige mar-tha air an t-seusan seo: toiseach-tòiseachaidh math gu ruige an 40 tadhal a dh'iarr Peadar Ros bhuaithe mus deach ball a bhualadh.
Tha am Baile Ùr aig bàrr na lìge le sia puingean is An Gearasdan, Ceann a' Ghiùthsaich is Ceann Loch Seile uile air an cùlaibh le ceithir, is iad cuideachd air geama nas lugha a chluich.
Rinn An Gearasdan a' chùis air Caol Bhòid 2-1 Disathairne is 's e 2-1 a bh' ann cuideachd do Cheann a' Ghiùthsaich an aghaidh Chabar Fèidh.
Bha ceist air cuid mun cho-dhùnadh gus buille-peanais a thoirt do Kings anmoch sa gheama.
Faodaidh sibh fhèin co-dhùnadh às dèidh sùil a thoirt air a' bhideo gu h-àrd.
'S e 2-1 a bh' ann do Cheann Loch Seile cuideachd an aghaidh Loch Abair, is am manaidsear aca Uilleam MacRath ag aideachadh gun robh glè bheag eadar na sgiobaidhean.
Sa gheama eile rinn Camanachd an Òbain a' chùis 3-1 air Caol-Gleann.
Ann an Lìog Tuath 2 bha fìor dheagh là a-rithist aig Camanachd Leòdhais, a thill bho a bhith 3-1 air dheireadh gus a' chùis a dhèanamh air Cill Mhàilidh 4-3.
Tha ceithir puingean aig na Leòdhasaich bhon dà gheama aca gu seo is iad air tòiseachadh gu làidir fo stiùir Donnie MhicRath is Connor Chalmers.
Bha sgiobaidhean na Prìomh Lìge nan tàmh ann an iomain nam ban ach bha trì geamaichean san Lìog Nàiseanta.
Rinn Bàideanach an gnothach 6-0 air Gleann Garadh, 's e 5-2 a bh' ann do dh'Inbhir Aora an aghaidh Obar Dobhair, is 4-2 do Shrath Ghlais an aghaidh Shrath Spè.