Loganair ag iarraidh tuilleadh taic-airgid bho Riaghaltas na h-Alba

- Air fhoillseachadh
Tha a' chompanaidh adhair Loganair air tuilleadh taic-airgid iarraidh bho Riaghaltas na h-Alba airson an cuideachadh le a bhith a' cumail sheirbheisean do na h-Eileanan an Iar agus do na h-Eileanan mu Thuath a' dol.
Dhearbh Loganair gun tèid lùghdachadh eadar-amail a dhèanamh air na tha de phlèanaichean a' dol eadar Inbhir Nis is Steòrnabhagh, Kirkwall agus Sumburgh bhon 19mh den Iuchar air sàilleibh 's gu bheil iad a' call airgid.
Ann am brath naidheachd thuirt Àrd-oifigear Loganair, Luke Farajallah, gur e a bhith a' gearradh sheirbheisean adhair eileanach fear de na co-dhùnaidhean as duilghe a rinn a' chompanaidh riamh.
Thuirt e gur e àm doirbh a bh' ann do chompanaidhean adhair, le prìsean connaidh a' dùblachadh taobh a-staigh mìos a' Chèitein gun luaidh air an àrdachadh ron sin.
Dhaingnich e cuideachd gu bheil na slighean eadar Inbhir Nis is na h-eileanan air a bhith a' call airgid airson greis mhath, agus nach urrrainn dhan chompanaidh leantainn orra leotha mar a tha iad.
Gearraidhean ann an seirbheisean Loganair dha na h-Eileanan
- Air fhoillseachadh3 An t-Ògmhios
"Dragh mòr" air Bòrd Slàinte nan Eilean Siar mu ghearraidhean Loganair
- Air fhoillseachadh4 An t-Ògmhios
Thuirt Mgr Farajallah gun robh iad a' tuigsinn nam faireachdainnean làidir a bh' aig coimhearsnachdan eileanach mu sheirbheisean adhair a tha deatamach dhaibh agus gu bheil Loganair deònach na seirbheisean sin ath-stèidheachadh san Dàmhair ma tha maoineachadh freagarrach ri fhaighinn.
Dh'iarr Mgr Farrajallah air Riaghaltas na h-Alba gluasad gu sgiobalta airson fuasgladh seasmhach fhaighinn do mhuinntir nan eilean.
Thuirt Àrd-oifigear Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar an t-seachdain seo a chaidh gu bheil dragh mòr air a' bhuidhinn mu bhuaidh nan gearraidhean a dh'fhoillsich a' chompanaidh-adhair.
Thuirt Gòrdan Jamieson gun toir gearraidhean Loganair air seirbheisean-adhair eadar Inbhir Nis agus Steòrnabhagh buaidh air còrr is 1,000 euslainteach gach cairteal den bhliadhna.
Thuirt Rùnaire na Còmhdhail Stephen Flynn gu bheil e ag iarraidh air HIAL agus Loganair obrachadh còmhla gus a bhith cinnteach gun gabh na seirbheisean a chumail mar a tha iad.
Thuirt Mgr Flynn gu bheil dà choinneamh air a bhith ann eatorra san t-seachdain mu dheireadh is gum bi tuilleadh ann.