Dàil air obair-leasachaidh aig Pàirc na Banrigh

- Air fhoillseachadh
Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil dàil suas ri mìos gu bhith air obair-leasachaidh aig Pàirc na Banrigh ann an Inbhir Nis.
Chaidh cùmhnant £650,000 a thoirt dhan chompanaidh Allsports gus an traca-ruith aig a' phàirc ùrachadh.
Bha cuirm aig Pàirc na Banrigh an t-seachdain seo chaidh is an cleasaiche ionadail Megan Keith am measg na bha an làthair gus fàilte a chur air an obair.
Bha dùil gun tòisicheadh Allsports air an leasachadh ro dheireadh a' Chèitein is gum biodh e dèanta ro dheireadh an t-samhraidh.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a-nise ag ràdh gu bheil dùbhlain air a bhith aig Allsports stuthan fhaighinn.
Thuirt iad gu bheil dùil gun tòisich an obair uaireigin san Ògmhios.
Tha Harriers Inbhir Nis, a bha air gluasad a-mach às an traca is iad gus Àrd-sgoil Inbhir Nis a chleachdadh fhad 's a bha an obair a' dol, a-nise air tilleadh gu h-eadar-amail.