An t-Òban a-nise le sùil air fuamhairean Bhàideanach

Camanachd an Òbain le Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu
  • Air fhoillseachadh

Thuirt manaidsear Camanachd an Òbain Daniel Camshron gu bheil iad a-nise airson a' bheàrn gu Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich a dhùnadh is iad air an Cupa Ceilteach a bhuannachadh gu furasta.

Bha feasgar gu math cofhurtail aig sgioba an Òbain sa ghrèin aig Pàirc Peterson Disathaine is iad a' soirbheachadh 8-1 an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal.

Ged a chuir Ross Brown sgioba Ghlaschu air thoiseach tràth, fhreagair muinntir an Òbain gu làidir le tadhail bho Daniel MacBhiocair (2), Ross Caimbeul, Lewis Camshron is Anndra Dòmhnallach gam fàgail 5-1 air thoiseach taobh a-staigh leth-uair.

Fhuair an Caimbeulach tadal eile ro leathach-slighe is bha an Camshronach uairsin air an targaid dà thuras san dàrna leth.

Camanachd an Òbain 8 Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal 1

An geama slàn à Pàirc Peterson

"Bha feum againn air sin is tha mi an dòchas gun cuir e spionnadh annainn 'son a' chòrr den t-seusan," thuirt Daniel Camshron air BBC Radio nan Gàidheal às dèidh a' gheama.

"Feumaidh sinn a' bheàrn eadar sinn fhèin is sgiobaidhean a' Chinn a Tuath a ghearradh oir chan eil sinn air a bhith math gu leòr an aghaidh Bhaile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich thuige seo am-bliadhna."

Choinnich na sgiobaidhean sin fhèin Disathairne 'son an darna seachdain ann an sreath - an turas seo ann an Cupa MhicAmhlaigh - agus a-rithist 's iad Ceann a' Ghiùthsaich a thàinig am bàrr.

Chuir Dylan Borthwick Ceann a' Ghiùthsaich air thoiseach aig an Eilean is ged a dh'fhàg tadhal bho Iain Robinson an geama co-ionnan, bha Roddy Young an uair sin air an targaid do Kings cha mhor sa bhad is iadsan 2-1 air thoiseach aig lethach-slighe.

Fhuair Tòmas Borthwick fear eile tràth san dàrna leth is dàrna tadhal bho Dylan Borthwick a' fàgail gun do bhuannaich Ceann a' Ghiùthsaich 4-1 - is buille chudromach eile dhaibh an aghaidh nan seann nàimhdean aca.

Bidh iad a-nise an aghaidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich san iar-chuairt dheireannaich de Chupa MhicAmhlaigh is iadsan air a' chùis a dhèanamh air a' Ghearasdan 4-0.

'S iad Archie Millar (3) is Neil MacBhiocair a bha air an targaid dha na Sgitheanaich is bidh iadsan gu mòr an dòchas gun suir seo spionnadh ann an seusan a bha car truagh gu seo.

Cuideachd Disathairne bha briseadh-dùil aig na Leòdhasaich is iad a' call 3-2 aig an taigh an aghaidh sgioba làidir à Lòbhat.

Fo-thiotal,

Mìcheal Steele ag aithris air a' gheama eadar Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich ann an Cupa MhicAmhlaigh

Bha dà gheama ann am Prìomh Lìog nam ban Disathairne is tadhail gu leòr aig an dà sgioba a th' aig a' mhullach.

Chuir Bàideanach ochd seachad air Gleann Urchadain is iad a' tighinn bho Zoe Reid (2), Megan Ralph (2), Rona Stiùbhart, Màiri Stiùbhart, Rhona Borthwick, is tadhal a chuir tè de chluicheadairean a' Ghlinne dhan lìon aice fhèin.

'S e 6-0 a bh' ann do Cheann Loch Seile an aghaidh Inbhir Nis.

Thàinig na tadhail acasan bho Lorna NicRath (2), Rhianna Kirk 2, Alaina NicIllinnein is Eilidh NicAonghais.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte