Episode details

Available for 29 days
Air an t-samhradh seo, thàinig air na ceudan dhaoine teich as na dachannan aca ann am baile Cas Neachdain, ' s an talamh fodhpa, a leigeal roimhe. Tha na taighean air an togail air làraich seann mhèinichean. Ann am Breatann, tha mu 15 seann mhèine a' leigeal roimhe gach bliadhna. Tha Murchadh Moireach a' toirt sùil air càite bheil seann mhèinichean an Alba agus dè ghabhas a dhèanamh ann a leithid a shuidheachadh. Tha John Neil Dòmhnallach a' toirt beachd air a film ùr, The Odyssey. Tha a film stèidhichte air bàrdachd ainmeil Homer mun rìgh Grèigeach Odysseus, a' dèanamh a shlighe dhachaigh an dèidh am BlàrTròidheach. Tha a film air a ' stiùreadh le Christopher Nolan agus mòran mheadhanan mur tha ga mholadh gu mòr. Dè shaoil John Neil dheth? 'S i Moira Piazzoli, cèilche na seachdain. 'S ann as An Eilbheis a tha Moira, 's ' tha i na h-arc-eòlaiche agus na h-ealanaiche. Tha i an dràsta ann a sgìre Nis ann a Leòdhas agus i ag innse dhuinn mu phròiseact anns a bheil i an sàs ann a sin agus mu a beatha thuige seo.
Programme Website