12 Am Faoilleach, 2012 - Air fhoillseachadh aig 09:30 BST
Tha pàrantan ann an Diùra a' cumail an cuid cloinne far na sgoile is iad mì-thoilichte le staid rathad an A846.
A-rèir nam pàrantan tha an rathad eadar Inbhir Lusa is Taigh na Creige làn thuill agus tha cunnart ann gun tuit craobhan air.
Tha iad a' fàgail air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhoid gu bheil iad air ceann a tuath an eilein a threigsinn.
Thuirt iad nach cuir iad an cuid cloinne dhan sgoil gus an dèan a' chomhairle sgrùdadh sàbhailteachd air an rathad.
Thuirt dràibhear a' bhus, Ailig Dunnachie, gun robh e a' tuigsinn carson a bha iomagain air na pàrantan.
Truagh
"Is gann gun gabh a chreidsinn cho truagh sa tha an rathad seo.
"Tha e mar gum biodh gu bheil thu a' dràibheadh ann an sgìre far a bheil cogadh", thuirt e.
Dh'innis Mgr Dunnachie gu bheil e air £3000 a chosg air a' bhus a chàradh air sgath milleadh a rinn an rathad air.
Thuirt e gu bheil craobhan nan laighe air an rathad is feadhainn eile an impis tuiteam.
Thuirt BPA na sgìre, Michael Russell, gu bheil e air fios a chur air a' chomhairle grunn thursan mu staid an rathaid agus gum feum iad rudeiginn a dhèanamh mu dhèidhinn.