
còmhla ri Mgr Ros Crichton
Seirbheis còmhla ri Mgr Ros Crichton, Paraiste Ceann a Deas Uibhist 's Èirisgeigh. Service with Fr Ross Crichton, parish priest South End of Uist and Eriskay.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Còisir Sgoil MhicNeacail a' seinn Dh'èirich Solus
Còisir Eaglais Naomh Mhìcheil, Èirisgeigh a' seinn Dh'fhag thu sìth aig d' ostail dhìleas
Ainsley Hammil a' seinn Cearcall na Beatha
Màiri Mhoireasdan a' seinn Nam faighinn fois car tamull
Leughaidhean:
Ecsodus 20: 8-11
Eabhraidhich 4: 1-11
Rugadh Mgr. Ros Crichton ann an Glaschu, agus tha ceanglaichean-teaghlaich làidir aige ri Earra-Ghàidheal, Loch Abar agus Inbhir Nis air taobh a mhàthar.
Rinn e ceum ann an Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu mus deach e don Ròimh far an do chuir e seachad 5 bliadhna a’ dèanamh ceuman ann am Feallsanachd agus Diadhachd aig Oilthigh Ghregoriana. Chaidh e an uair sin don Fhràing gus ceum a dhèanamh ann an Lagh Cananach. Chaidh òrdachadh na shagart san Òban ann an 2005 agus thill e don Fhraing far an robh e na shagart-cuideachaidh fad bliadhna ann am Paraiste St. Francois de Sales ann am Paris, fhad ’s a bha e a’ cur crìoch air a cheum ann an Lagh.
A’ tilleadh a dh’Alba ann an 2006, bha e greis ann am Paraiste Naomh Mhoire anns a’ Ghearastan mus do ghluais e a Bheinn na Faoghla aig deireadh na bliadhna sin. An dèidh 10 bliadhna na shagart-paraiste ann an Grìminis, chaidh ainmeachadh na shagart-paraiste do Pharaiste Naomh Mhìcheil an Èirisgeigh ann an 2016 agus Paraiste Naomh Pheadair an Uibhist a Deas ann an 2017. Aig an aon àm, chaidh iarraidh air obair a dhèanamh gus leabhar-ùrnaigh agus laoidheadair ùr a chur an clò agus eadar-theangachadh ùr a chruthachadh airson teacsaichean sàcramaideach na h-Eaglaise: obair a tha a’ leantainn fhathast ach aig ìre gu math adhartach.
Tha e na Iar-cheann-suidhe air am Fondation Catholique Ecossaise a tha a’ rianachadh bhursaraidhean do dh’oileanaich Albannach a tha ag ionnsachadh Fraingis no Diadhachd ann am Paris. Tha obair am Fondation a’ dol air ais 700 bliadhna don 14mh linn; ceangal eachdraidheil eadar an dà dhùthaich a tha beò fhathast agus na thlachd do Mhgr. Ros a bhith an sàs ann on a bha e fhèin na neach-tairbhe fon sgeama.
Tha Mgr Ros cuideachd air a bhith ga chumail fhèin trang ag obair gu dìcheallach còmhla ri Comunn Eachdraidh Èirisgeigh anns na diofar phròiseactan anns a bheil iad an sàs, nam measg an t-seann taigh-sgoile air an eilean a leasachadh mar àite airson a' Chomunn Eachdraidh. Anns an t-Sultain an-ùiridh chaidh urram a bhuileachadh air Mgr Ross le àite ann an Colaiste nam Bàrd sa Chòrn aig Gorsedh Kernow. Tha seo do dhaoine a tha air obair ionmhalta a dhèanamh às leth a' chànain, canan a dh'ionnsaich e agus anns a bheil e fhèin fìleanta.
On radio
More episodes
Broadcasts
- Sunday09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sunday15:00BBC Radio nan Gàidheal