Main content

Rolaichean bracaist, Foxburgh Massachusetts, Sràidean Pheairt is dràma

Measgachadh chuspairean - eadar rolaichean bracaist is dràma, còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Cathy MacDonald presents on a range of topics - from drama to breakfast rolls.

Chan eil fada ri dhol mus bi Alba a' cluich Haiti aig an deireadh sheachdain, a' chiad ghèam againn aig Cupa na Cruinne. Ach dè mu dheidhinn am baile sa bheil an gèam ga chluich - Foxborough, Massachusetts, faisg air Boston? Cluinnidh sinn barrachd mu dheidhinn bho Maureen NicLeòid.

Cò againn nach eil dèidheil air deagh bhracaist. Ach a bheil rolaichean son ar bracaist airidh air dìon oifigeil? Agus dè as fheàrr le daoine air rola sa mhadainn co-dhiù? Eadar cuid a tha gan reic is cuid a tha gan ithe, tha ceathrar còmhla ri Cathy lem beachdan fhèin.

Tha Anne Steven, a tha a' fuireach ann am Peairt, agus Joan Nic a' Mhuilleir air a bhith aig taisbeanadh ùr mu shràidean beaga a bhaile - na vennels. Dè dh'ionnsaich iad fhèin mu eachdraidh Pheairt tron fhiosrachadh agus an rannsachadh a th'air a chùlaibh?

Agus bheir Tanya NicDhòmhnaill dhuinn barrachd fiosrachaidh mu Strabang, agus cothrom do dh'òigridh a bhith an luib dràma agus air an àrd ùrlar le Theatre Gu Leòr.

28 days left to listen

57 minutes

Broadcasts

  • Thursday09:00
  • Thursday22:55