le Cathy NicDhòmhnaill
Dè na làraich dualchais is eachdraidh as fheàrr leinn ann an Alba? Cathy MacDonald and guests discuss some of their favourite heritage sites in Scotland.
'S iomadh eilean tha far nan cladaichean an Alba. Agus tha aonan beag dhiubh sin far chosta Earra-ghàidheal ga chuir air a mhargaidh as ùr – Eilean An Innis, a tha suidhe goirid air Eilean Èisteal, mu choig mìle deug deas air an Òban. Innsidh am fear-naidheachd Pàdraig MacAmhlaigh eachdraidh an eilein dhuinn.
Tha seirbheis nàiseanta sa Ghearmailt air a bhith togail beagan connspaid - le dùil son draois gum biodh feum aig fir fo aois 45 bliadhna air cead bhon airm airson an dùthaich fhàgail càil nas fhaide na 3 mìosan. Tha sin air atharrachadh a-nise - ach tha atharrachaidhean mòra ann an laghan airm na dùthcha a' tachairt co-dhiù, mar a tha Mìcheil Klevenhaus a' mìneachadh dha Cathy.
Bidh Derek MacAoidh ag innse mun t-sreath ùr Chernobyl: Utopia na Smàl, a tha a' tòiseachadh air BBC Alba a-nochd.
Agus dè na làraich dualchais is eachdraidh as fheàrr leibh ann an Alba? Tha ceathrar còmhla ri Cathy lem beachdan fhèin air a' cheist sa, agus làn chinnt ann gum bi iomadach diofar mholadh aca le chèile.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tuesday09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tuesday22:25BBC Radio nan Gàidheal
