
còmhla ri Emma NicLaomainn
Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà. News, chat, sport, music and entertainment.
Sùil air ais air na còmhraidhean mu bheathaichean a th' air a bhith againn air Feasgar thairis na mìosan a chaidh seachad.
Tha Emma NicColla ag innse mu dheidhinn na còig briodaichean sònraichte de choin as fhèarr leatha. Tha companaidh nithe is cofhurtachd choin aig Emma agus i eòlach air tòrr diofar sheòrsaichean coin.
Aig a' bhliadhna ùr Shìneach chomharraich sinn Bliadhna na h-Eich còmhla ri Màiri Ross a tha air a bhith a’ cumail agus a’ marcachd eich, agus tha i ag innse mu nàdar nan beathach.
Tha sinn a' cluinntinn mar a chaidh do Niall Iain nuair a chaidh e a-null a Tàbost, Nis ann an Eilean Leòdhais airson feasgar a chur seachad còmhla ri teaghlach a tha a' ruith gnothachas a' togail agus a' reic chearcan, agus a tha a' cumail a' choimhearsnachd mun cuairt orra ann an uighean blasta.
Agus cothrom èisteachd a-rithist ri farpais a chaidh a chumail sa stiùidio air seachdain Crufts. Airson am farpais-choin a chomharrachadh, chuir sinn fàilte air aoighean ceithir-chasach dhan stiùidio le Paul ‘s Buddy, agus Eilidh ‘s Floraidh a’ cèilidh oirnn. Saoil an robh cleasan Buddy agus Floraidh airidh air aite aig Crufts an ath-bhliadhna?
On radio
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Today12:00BBC Radio nan Gàidheal
- Today21:00BBC Radio nan Gàidheal