
Talamh
As Earth’s climate changes, the once-stable natural systems that we rely upon are being thrown into chaos.
An Cruinne Caochlaideach / Dynamic Planet
Ep4 - Talamh/Earth
Le siostaman an t-saoghail air an cuir ann am bùrach, tha daoine a’ taisbeanadh mar a tha saidheans, nàdar agus traidisean gar ullachadh airson an àm ri teachd.
As the world’s systems are thrown into chaos, people reveal how science, nature and tradition can prepare us for the future.
Fhad ’s a tha gnàth-shìde na talmhainn ag atharrachadh, tha na siostaman nàdarrach air a bheil sinn an urra a-nis ann am bùrach. Tha luchd-saidheans, treubhan ionadail agus ainmhidhean mòra bhon Artaig chun an Amasoin a’ taisbeanadh mar a tha saidheans, nàdar agus traidisean gar ullachadh airson àm ri teachd a tha ag atharrachadh.
As Earth’s climate changes, the once-stable natural systems that we rely upon are being thrown into chaos. Intrepid scientists, local tribes and giant megafauna from the Artic to the Amazon reveal how science, nature and tradition can help prepare us for a fast-changing future.
Fhad ’s a tha gnàth-shìde na talmhainn ag atharrachadh, tha na siostaman nàdarrach, a bha uair seasmhach agus ris a bheil sinn an urra, air an cuir ann am bùrach. Tha plàighean biastagan a’ cur às do thalamh tuathanasan, tha tachartasan aimsire uabhasach agus tuiltean a’ bualadh na tìre nas trice, agus tha cùisean a bha àbhaisteach dha ar planaid ag atharrachadh gu cunbhalach.
Tha sinn a’ dol ann an cuideachd luchd-saidheans a’ siubhal chun a’ mhòr thìr reòthte gus faighinn a-mach mar a tha beathaichean a’ cruthachadh chothroman ùr ann an saoghal a tha ag atharrachadh aig astar. Tha sinn a’ leantainn dealain-dè is iad a’ gabhail pàirt ann an imrich iongantach nàdair agus a’ coinneachadh luchd-seilbh anns an Amason agus air raointean mòra Ameireagaidh, a tha a’ feuchainn ri na tìrean aca fhèin a dhèanamh fallainn a-rithist, a’ cruthachadh seasmhachd agus a’ toirt taic do nàdar a’ lorg a fuasgladh fhèin.
Tha na h-oidhirpean acasan a’ sealltainn nach eil e ro fhadalach a bhith ag atharrachadh, a’ cur mearachdan a chaidh a dhèanamh san àm a chaidh seachad ceart, agus a bhith a’ gabhail cùram airson agus a’ dìon na h-àiteachan anns a bheil sinn a’ fuireach. Tha iad a’ sealltainn mar a tha saidheans, nàdar agus traidisean gar ullachadh fhèin agus ar Cruinne Caochlaideach airson àm ri teachd a tha ag atharrachadh aig astar.
As our Earth’s climate changes, the once-stable natural systems that we rely upon are being thrown into chaos. Insect plagues are destroying farmlands, extreme weather events and floods are hitting land with increased frequency, and normality for our planet is constantly being re-defined.
We join scientists traveling to the frozen continent to discover how animals are creating new opportunities in a fast-changing world. We follow butterflies as they take part in nature’s most spectacular migration and meet indigenous landowners in the Amazon and on the great plains of America who are healing their homelands, creating resilience and supporting nature as it finds its own solution.
Their efforts show that it’s not too late to adapt, to fix past mistakes, and to care for and protect the places we live. They reveal how science, nature and tradition can help prepare us and our Dynamic Planet for a fast-changing future.
Dubbed in Gaelic with English subtitles.
On TV
More episodes
Previous
Next
You are at the last episode
See all episodes from An Cruinne Caochlaideach/Dynamic Planet
Credits
| Role | Contributor |
|---|---|
| Narrator | Evelyn Coull MacLeod |
| Executive Producer | Shona Henderson |
| Producer | Seumas Mactaggart |
| Editor | Innes Macleod |